Iùl Ciùil
22mh agus 23mh Màrt 2006
Tallaichean a’ Bhaile, Glaschu
B’ iad Proiseact nan Ealan a chur seo air adhart agus chaidh a chumail ann an Tallaichean a’ Bhaile a tha air an ùr sgeadachadh far an robh mòran de luchd-ciùil Gàidhlig an làthair a bha air a thighinn don bhaile a dh’aon ghnothach. Thathar an dòchas, mar thoradh air na chualas, gu seall Iùl Ciùil an-t-slighe air adhart airson roi-innleachd a dhealbh mu cheòl Gàidhlig ann an Alba air fad.
Aig a’ chòmdhail chualas prìomh òraidean, agus bha pannalan agus coinnichidhean a dh’aon ghnothach a’ gabhail àite far am b’ urrainn do dhaoine am beachd a chur air adhart ann a bhith a’ deasbad ach gu dè an seòrsa adhartais a bu chòir a bhith ann an ceòl Gàidhlig. Thòisich Dr Anna Latharna NicIllìosa an deasbad le bhith a’ cur dùbhlan air gach neach aig a bheil spèis do cheòl Gàidhlig, a dhìon, adhartachadh, a neartachadh agus a mhòr mholadh. Tro h-òraid chaidh seinn a dhèanamh agus na bha an làthair a’ gabhail Cànan nan Gàidheal còmhla rithe.

