Go to St Kilda page

www.stkilda.eu

B’ e tachartas iongantach beò de dhràma ioma-meadhanach a bh’ ann an Hiort: Opara Eòrpach, a chaidh a thaisbeanadh aig an aon àm ann an còig dùthchannan san Ògmhios 2007.

B’ e beatha muinntir Hiort a bhrosnaich a’ phròiseact, coimhearsnachd dhlùth de dhaoine cruaidh Gàidhlig a bha a’ sreap chreagan airson 3,000 bliadhna air an eilean a b’ iar-thuathaiche a bh’ anns an RA. airson biadh a chumadh beò iad. Thàinig an cànan Gàidhlig aca bho meadhan na Roinn Eòrpa o chionn còrr air 4,000 bliadhna agus b’ e “na h-eileanan air oir an t-saoghail” a bh’ aig mharaichean anns na seann làithean air na h-eileanan iomallach aca. Chaidh Hiort fhàsachadh ann an 1930 agus ‘s e an t-aon Làrach Dualchais an t-Saoghail a th’ aig UNESCO san RA air sgàth àrainneachd nàdarra is chultarach. B’ e adhbhar an tachartais comharrachadh a dhèanamh air an àite iongantach seo agus air a shluagh agus mothachadh a thogail mun deidhinn.

Bha an tachartas na dhràma ciùil beò le dannsairean dìreach, cleasaichean, luchd-ciùil, còisirean agus seinneadairean Gàidhlig a’ gabhail pàirt anns gach àite. Chaidh ceòl co-aimsireil is traidiseanta a chleachdadh a thuilleadh air seirm na mara, na gaoithe agus nan eun Hiortach. Bha na còig taisbeanaidhean ag obair bhon aon scriobt, libretto is sgrìob ciùil ach bha iad uile gu tur eadar-dhealaichte a thaobh nàdar an suidheachaidhean agus follaiseachd is buaidh nan taisbeanaidhean. Bha sgioba dràma, orcastra de cheòl co-aimsireil, còisirean, seinneadairean traidiseanta Gàidhlig agus dannsa adhaireil anns gach taisbeanadh.

Bha tilgeadh lèir-chlaistinneach den chompanaidh dannsa dìreach Frangach, Retouramont, ri fhaicinn air gach scrion a’ dèanamh ballet adhaireil crochte bho chreagan Innse Gallach agus a’ co-fhreagairt an dòigh anns an robh na Hiortaich ag obair airson linntean. Sheall na scrionaichean mòra cuideachd film tasglainn, adhaireil is sreathach de Hiort agus eileamaidean an dràma a chaidh a thogail air an eilean a’ bhliadhna roimhe.

Luchd-amhairc

Chaidh na h-àiteachan air fad airson nan taisbeanaidhean beò a reic le iomlanachd de 5800 neach an làthair sna 5 dùthchannan thairis air an 2 oidhche. A thuilleadh air na chaidh a dh’fhaicinn nan taisbeanaidhean beò chunnaic còrr air 1000 neach film den taisbeanadh Albannach beò air an eadarlìon agus chunnaic 2412 eile e na b’ fhaide dhen t-seachdain leis a’ ghoireas, Watch Again, air làrach-lìn a’ BhBC. Ràinig tachartasan taiceil is co-cheumnach 2525 neach eile air feadh Alba. Uile gu lèir, chuir còrr air 11,700 neach air feadh an t-saoghail eòlas air a’ phròiseict ann an cruth air choreigin thairis air na 7 latha.

Ma tha thu airson fiosrachadh fhaighinn air mar a gheibh thu an DVD cuir post-d gu kirstie@gaelic-arts.com

Lorg

Cuir do phost-d a-steach airson na naidheachdan ur againn fhaighinn


Faigh blas dheth | Le taic bho FeedBlitz