An Lanntair (1986-)
Tha sinn air obair còmhla ris an ealanlann ann an Steòrnabhagh airson taisbeanaidhean a riochdachadh a tha air cliù agus duaisean a bhuannachadh agus air dol air chuairt air feadh an t-saoghal.
Cuimhneachain na Gaisgeach (1990-)
Thug Pròiseact nan Ealan taic ann a bhith a' cruthachadh trì Chàirn ann an Leòdhas mar chuimhneachain air Strì an Fhearainn air Ghàidhealtachd.
Calanais (1996-97)
Taisbeanadh a chomharraich an 10mh bliadhna de dh’fhosgladh aig An Lanntair ann an Steòrnabhagh a choisinn duais.
An Turas Seo (1996)
Còmhradh bàirdeil eadar Gwynfor Evans, Seán Mac Réamoinn, Somhairle MacGill-Eainn agus Hamish Henderson...
Leabhar Mòr na Gàidhlig (2002-)
Tharraing an Leabhar Mòr ri chèile còrr is 150 bàrd, luchd-ealain lèirsinneach agus sgrìobhadh agus clò-bhuailtearan à Èirinn agus Alba airson na tha feadhainn air ràdh Nua-Leabhar Cheanannais a chruthachadh.
Na Mo Chuid Aodaich (2009)
A’ saoradh aodaich à cùil dì-chuimhnichte agus gan taisbean air an tapais dearg ann an tàllaichean choimhearsnachd le gruagairean agus luchd-maise-gniùs air cùl an àrd-ùrlair. Tha sgeulachd na h-aodach air innse agus eadar-theangachaidhean air an tabhann.
