Na h-Ealain Chleas
Dràma Gàidhlig
Tha Pròiseact nan Ealan air iomadh dual dràma a chur air dòigh. Tha sgoil-chòmhnaidh shamhraidh bliadhnail air a cumail an Sgoil Lìonacleit am Beinn na Faoghla. Tha seo fosgailte do oileanaich nas sine na 16 agus a’ toirt eòlas dhaibh air a’ mheasgachadh mhòr de Dhràma Gàidhlig.
Bha iomadh dealbh-chluich agus cuairt shoirbheachail air am barrantachadh. Tha iad sin a’ gabhail a-staigh
Craobh nan Ubhal, an dealbh-chluich le Alasdair Dòmhnallach a choisinn duaisean agus a bha a’ coimeas Taobh Siar na h-Alba ri Gnìomhachas na h-Ola sa Chuan a Tuath ann an dealbh-chluich air chuairt agus prògram aithriseach air Tbh.
B’ e Taighean Na Mara prògram Sheòrais Guinne an 1996 a lean an searmonaiche tarraingeach Tormod MacLeòid bho Chataibh gu Canada agus Sealan Nuadh san dealbh-chluich air chuairt
B’ e Rèiteach dealbh-chluich air chuairt Iain Moireach an 1995 a bha a’ coimhead ri Gàidhealtachd an là an-diugh bho shealladh romansach.


