Roghainn agus Sàr-obair
Ceòl agus Danns Gàidhlig
Tha Pròiseact nan Ealan air cuideachadh le cruthachadh agus stèidheachadh iomadh tachartas Ciùil agus Danns Gàidhlig. B’ e an tachartas a bu chudromaiche an cuideachadh a thugadh do Chomhairle Bhreatainn ann an 1993 gus Fèis Ciùil Ceilteach Bharcelona a stèidheachadh a tha a-nis air aon de na Fèisean Ciùil Ceilteach as motha san Roinn Eòrpa.
Bha Pròiseact nan Ealan na mheadhan air iomadh tachartas ciùil agus danns a chur air dòigh. An t-sreath chuirmean-ciùil Òran nan Gàidheal aig Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann an 1997, Uamh an Òir, sreath de òrain Ghàidhlig air a ruith an lùib Sgoil Eòlais na h-Alba a lean gu bhith air a chleachdadh sa film a chaidh a-mach air Sianal 4.


