dealbh - Càirn-cuimhne

Càirn Strì an Fhearainn

A’ Cuimhneachadh ar n-Eachdraidh

Ag obrachadh gu dlùth le Cuimhneachan nan Gaisgeach thug Pròiseact nan Ealan taic do chruthachadh trì Càirn an Leòdhas mar chuimhneachan air Strì an Fhearainn air Ghàidhealtachd.

Bha càrn an Aiginis san Rubha, an Griais air a’ Bhac agus sa Phàirc air na Lochan air an dealbh le Uilleam MacIlleathain. Thionndaidh fosgladh gach càrn a-mach gu bhith na thachartas coimhearsnachd cudromach le taic bho mheadhanan eile. Dh’fhoillsich a’ chompanaidh ionadail Acair Books leabhar le Joni Bochanan mun chuspair agus ghabh na tachartasan coimhearsnachd co-cheangailte ris an fhosgladh a-staigh òrain, sailm, ceòl agus dràma.

Tha na càirn air grunn dhuaisean a chosnadh a’ gabhail a-staigh An t-Àrd Dhuais airson Ath-nuadhachadh Àrainneachd bho Dhualchas Nàdair na h-Alba agus Iomairt na h-Alba.

Comments

System error. I want to send a http header here and write to the log.