News
an t-Samhain 2008
26th : Hiort: Opara Eòrpach a’ tilleadh chun àrd ùrlair
18 mìosan an dèidh dha Hiort: Opara Eòrpach a bhith air a thaisbeanadh beò air feadh na Roinn Eòrpa, tha a’ phròiseact air ais air an rathad. Tha an taisbeanadh Beilgeach, a chaidh ath-bheothachadh is a thaisbeanadh o chionn ghoirid ann am Mons (A’ Bheilg), deiseil airson luchd-èisteachd a chur air bhoil ann an Grenoble (An Fhraing) nas fhaide air adhart san t-seachdain.

