Na h-Ullachaidhean mu Dheireadh gan Dèanamh Airson Taisbeanadh Na Mo Chuid Aodaich An Eilein Sgitheanaich

09 an Gearran 2012

Tha Pròiseact nan Ealan and Lasair a’ dèanamh deiseil airson nan ìrean mu dheireadh de thaisbeanadh Na Mo Chuid Aodaich a bhios a’ dol air adhart ann am Port nan Long air Dihaoine, 17 Gearran aig 7.30 f. Bidh dà thaisbeanadh ann an Talla Baile Chille Mhoire – air Dihaoine, 24 Gearran aig 7.30 f, agus air Disathairne, 25 Gearran aig 2.15 f.

Thuirt Sìne Ghilleasbuig bho Lasair: " Tha Lasair fìor thoilichte a bhith ag obair còmhla ri Pròiseact nan Ealan agus Crossroads Care ann an lìbhrigeadh a’ phròiseict seo. Tha mòran eachdraidh san Eilean Sgitheanach agus bha sinn airson cuimseachadh air Ìochdar Thròndairnis agus Port nan Long. Tha e air a bhith na thlachd daoine bhon dà choimhearsnachd a choinneachadh. Tha deagh-ghean mìorbhaileach air a bhith ann agus chaidh iomadh càirdeas a stèidheachadh.’S e na sgeulachdan beaga a chluinneas tu nuair a tha thu dol a dh’iarraidh seann dhreasa bainnse a tha a’ dèanamh na h-obrach cho tarraingeach. Seo am pròiseact a b’ inntinniche a th’ air a bhith againn an seo ann am bliadhnaichean mòra. Tha Na Mo Chuid Aodaich a’ toirt ginealaichean an Eilein Sgitheanaich ri chèile, a’ toirt aodaichean sònraichte bho ar beatha fhìn gun àrd ùrlar. Tha rannsachadh ga dhèanamh air ar seann aodach tro dhealbh-chluich, tro cheòl, òrain is sgeulachd. Tachartas Gàidhlig le eadr-theangachadh dhan fheadhainn nach eil fileanta sa chànan. Cuimhnichibh gu bheil trì taisbeanaidhean den tachartas seo ann, is mar sin chan eil leisgeul agaibh a chall. Mar as àbhaist bidh strùpag is bèicearachd ann, agus duaisean rafail agus thèid an t-airgead a thogar gu Crossroads Care airson na h-obrach ionmholta aca san Eilean Sgitheanach is Loch Aillse.”

‘S e tachartas air leth sònraichte a th’ anns an taisbeanadh duaiseil seo dhan Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Tha dràma eachdraidheil is taisbeanadh fasain ann a’ foillseachadh raon iongantach fasain bhon 20mh linn a thàinig bho lobhtaichean is dràthraichean falaichte ann an dachaighean na coimhearsnachd ionadail. Tha eachdraidh na sgìre agus an t-sluaigh fillte sna dualan sin agus tha gach coltas ann gur e oidhche iongantach a bhios an seo dha gach neach a tha na lùib.

Thuirt an Stiùiriche Dràma, Gilleasbuig Fearghastan, na leanas: " Tha e caran eagalach a bhith a’ stiùireadh dràma dha taisbeanadh a th’ air a bhith cho soirbheachail roimhe seo ann an Glaschu agus Leòdhas, ach tha mi ag obair le cleasaichean eòlach, comasach - aig a bheil deagh Ghàidhlig – agus le scriopt cumhachdach. Tha coltas air an dràma gum bi e na dheagh ro-thachartas do rionnagan an taisbeanaidh – an t-aodach is na sgeulachdan a th’ air a chùlaibh." Bidh taisbeanadh Port nan Long ann an Talla Coimhearsnachd Mhinginis aig 7.30 f air Dihaoine, 17 Gearran. Gheibhear a-steach an-asgaidh ach bidh cothrom ann tabhartas a thoirt seachad aig an doras dha Crossroads Care.

‘S e siostam tiogaid eadar-dhealaichte a bhios aig taisbeanaidhean Chille Mhoire. Tha taisbeanadh Chille Mhoire ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich a’ gabhail àite ann an Talla Chille Mhoire; seach gu bheil an talla nas lugha bidh dà thaisbeanadh ann, aon air oidhche Haoine agus an dara fear feasgar Disathairne. – Airson àite a ghleidheadh bu chòir eàrlaiseachadh airson Cille Mhoire le fònadh gu Àros air 01 478 61 3750. Tha tiogaidean Chille Mhoire a’ cosg £10 an urra. Cha bhi cosgais ann airson clann a shuidheas an uchd phàrantan. Thèid an t-airgead a chruinnichear gu Crossroads Care.

Bu chòir dha neach sam bith a tha airson aodach a thoirt seachad dha pròiseact Phort nan Long a thoirt gu talla coimhearsnachd Mhinginis bho Dihaoine, 10 Gearran. Bidh luchd-obrach Pròiseact nan Ealan san talla gach latha bho Dihaoine, an 10mh latha gu Dihaoine an 17mh latha den Ghearran, ach a-mhàin air Didòmhnaich, gus buill aodaich a ghabhail agus am freagradh air modailean.

Lorg

Cuir do phost-d a-steach airson na naidheachdan ur againn fhaighinn


Faigh blas dheth | Le taic bho FeedBlitz
English