Iarrtas Aodaich Airson Na Mo Chuid Aodaich
15 an t-Samhain 2011
15 an t-Samhain 2011
Tha Pròiseact nan Ealan (Buidheann nan Ealan Ghàidhlig) agus An Lèanag (An Lòchran, Comhairle nan Leabhraichean, Bòrd na Gàidhlig and Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu) air iarrtas a chur a-mach a’ sireadh aodach bhon 20mh linn airson pròiseact Na Mo Chuid Aodaich a tha gu bhith a’ gabhail àite ann an Glaschu air Disathairne, 10mh Dùbhlachd.
Tha an tachartas na leudachadh den fhoirmle dhuaiseil a bha cho soirbheachail ann an Leòdhas ann an 2009, a’ cosnadh dà dhuais aig na Scottish Events Awards o chionn ghoirid. An turas seo tha Pròiseact nan Ealan air farsaingeachd a’ phròiseict, a tha gu bhith a’ gabhail àite ann an caochladh àiteachan air feadh Alba, a leudachadh.
Chaidh an dràma co-cheangailte ris an taisbeanadh a sgrìobhadh le Christeen Combe fo stiùireadh Chrisella Rois. ‘S e sgeulachd aotrom a th’ ann mu dhithis leadaidh à Glaschu sna 1940an, air a h-innse le blas sònraichte Gàidhealach nan eilthireach a bha a’ dèanamh am bith-beò sa bhaile mhòr san linn mu dheireadh.
Tha am pròiseact a’ sireadh aodaichean air iasad bho lobhtan, chlòsaidean is dhrathraichean buinn airson a’ phròiseict. Cuiridh na modailean a bhios gan taisbeanadh beatha ùr annta. Thathas an dòchas gum faighear freagairt a cheart cho math bhon bhaile mhòr ‘s a fhuaras sa phròiseact roimhe, a thug am follais beairteas de dhreasaichean bainnse agus seudan luachmhor fasain bho adan eaglaise, èididhean is fo-aodaichean Bhictorian gu gùintean bàlla, trusganan Mary Quant bho na 1960an agus stoidhlichean grinn co-aimsireil. Tha rionnagan saoghal na Gàidhlig leithid Cathaidh “Bhàn” Dhòmhnallach, RhodaDhòmhnallach, Kenna Chaimbeul, Tilly McLure, Mina Nic a’ Ghobhainn, Patsi NicChoinnich, Jo NicDhòmhnaill agus Anna Latharna Nic Ghill Iosa mu thràth air grunn aodaichean brèagha a chur a-steach. Chithear iad seo san leabhran sanasachaidh a gheibhear bhon luchd-eagrachaidh.
Thog na taisbeanaidhean ann an Leòdhas sùim de £12,000 dha Crossroads Care, agus bidh taisbeanadh Ghlaschu a’ togail airgead dha Maoin Beatson Oncology Centre a tha a’ toirt cùram dha daoine le aillse ann an Beatson West of Scotland Cancer Centre.
Bidh an taisbeanadh a’ gabhail àite aig Union Oilthigh Ghlaschu air 10 Dùbhlachd.
Bu choir dha neach sam bith a tha airson aodach a thoirt seachad, cuideachadh air an oidhche no tiogaidean a cheannachd fios a chur gu An Lèanag tron fhiosrachadh gu h-ìosal.
Sìne NicGillEathainn/Rosemary Ward An Lèanag 22 Mansefield Street Partick Glasgow G21 4JJ Post-d: sine@cnag.org.uk Fòn: 0141 339 2022