Dà Sreath Chlasaichean Òrain is Salm
31 an Dàmhair 2011
31 an Dàmhair 2011
7-9f Pointers Café, Steòrnabhagh Diluain 31 An Dàmhair, airson sia seachdain.
Tha clasaichean ùire saor ’s an asgaidh a bhios a’ teagaisg nan Salm anns a Ghàidhlig a’ tòiseachadh a-nochd aig 7f agus a’ ruith airson sia seachdain, le clas air gach oidhche Dhiluain. Le teagaisg à Calum Martainn, aig a bheil an t-uamhas eòlas ann an bhith a’ seinn agus a’ teagaisg nan Salm, gheibh sibh cothrom nan Salm agus nam fonn ionnsachadh ann an suidheachadh a bheireas brosnachadh don chomas labhairt Gàidhlig acasan a tha an luib.
7-9f Pointers Café, Steòrnabhagh Diciadain 9 An t-Samhain, airson sia seachdain.
Tha an dàrna sreath de chlasaichean a tha sinn a’ cuir air bhog a’ tòiseachadh an ath oidhche Dhiciadain, cuideachd a’ ruith airson sia seachdain, le clas gach oidhche Dhiciadain. Tha na clasaichean seo air an teagaisg le Murdo Dan Macdonald, agus thathar ag amas air a bhith nan toiseachd tòiseachaidh dhaibhsan a tha airson Gàidhlig ionnsachadh. Thathas gus abairtean Ghàidhlig a theagaisg tro bhith ag ionnsachadh òrain shìmplidh anns am faighear lorg orra. Tha na clasaichean seo glè mhath dhaibhsan a tha airson an Gàidhlig a neartachadh ann an suidheachadh neo-fhoirmeil.