A’ Coiseachd ann an Ceuman Choluim Chille le bhith a’ Foillseachadh Prìomh Phròiseact
24 an Dàmhair 2011
24 an Dàmhair 2011
Tha pròiseact ùr inntinneach ga chur air bhog a bhios ag àrdachadh nan ceanglaichean soirbheachail cultarach eadar Alba agus Èirinn. ’S i iomairt-lìn a th’ ann an Sli Cholmcille a tha a’ toirt cothrom dha luchd-cleachdaidh leantainn ann an ceuman eachdraidheil Choluim Chille. Chaidh Sli fhoillseachadh aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an Steòrnabhagh agus tha e ag amas air tuigse nas fharsainge mu co-dhualchas chultarach nan coimhearsnachdan Gàidhlig a th’ anns an dà dhùthaich a bhrosnachadh.
‘S e goireas-lìn a th’ anns an Sli agus tha e a’ tabhann slighean cuimsichte, mapaichean, ìomhaighean agus fiosrachadh mu Cholum Cille agus mu na h-àiteachan don deach e fhèin agus a luchd-leantainn Crìosdaidh.
Airson linntean tha taistealaich air a bhith a’ tadhal air na comharran lìonmhor a tha co-cheangailte ri Colum Cille; bho àite a bhreith ann an Dùn nan Gall gu Eilean Idhe ann an Earra-Ghàidheal far na stèidhich e a mhanachainn ann an 563.
Thathas an dòchas gum brosnaich an goireas-lìn seo taistealachdan an latha an-diugh a dhol gu na h-àiteachan sin agus gun cruthaich iad eòlas ùr dha luchd-turais ann an Alba agus an Èirinn.
Tha cudromachd eachdraidheil co-cheangailte rin 72 stad air an t-slighe agus tha mòran dhiubh suidhichte sna h-àrainneachdan as bòidhche ann an Alba agus Èirinn. Gheibh na daoine a leanas an t-slighe lorg air na prìomh làraichean co-cheangailte ri Colum Cille ach cuideachd thèid an stiùireadh air falbh bhon t-slighe àbhaistich airson làraichean ùra fhaicinn agus ‘s dòcha airson cuid de dh’àiteachan air a bheil iad eòlach fhaicinn tro lèirsinn ùr.
Tha an t-slighe a’ cuimseachadh air raon farsaing de luchd-amais, eadar daoine aig a bheil ùidh ann an dualchas is eachdraidh agus feadhainn leis an toigh a bhith a-muigh, eadar luchd-labhairt na Gàidhlig agus feadhainn le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh barrachd mun chànan, bho clann sgoile gu am pàrantan is an tidsearan, agus bho luchd-turais na dùthcha fhèin gu luchd-siubhail eadar-nàiseanta.
Tha fiosrachadh is uirsgeulan mu Cholum Cille air a thighinn a-nuas tro thùsan sgrìobhte bhon 6mh linn agus ann am beul-aithris nan ginealaichean. Tha Sli a’ toirt ri chèile nan iomadh dual sin fo shàr stiùireadh eòlaichean Choluim Chille, Brian Lacey agus Gilbert Markus. Tha iad a’ dèanamh seo na goireas fìor earbsach a tha cuideachd na ghoireas ruigsinneach foghlaim.
Chaidh am pròiseact adhartach seo a dheasachadh is a leasachadh le Colmcille, iomairt eadar-riaghaltais Albannach is Èireannach a tha airson na ceanglaichean eadar Alba na Gàidhlig agus Èirinn ath-leasachadh. Chuir Colmcille Sli air chois bho Pròiseact Nan Ealan, buidheann ealain na Gàidhlig, agus ‘s iadsan a rinn an-àirde 72 stad na slighe ann an com-pàirteachas le Lucidity Media agus Design Is Central. Fhuair Sli maoineachadh bho Bòrd na Gàidhlig, Foras na Gaeilge agus bho Maoin Crannchur an Dualchais.
Thuirt Alasdair Allan, am ministear le uallach airson na Gàidhlig: ‘S e leasachadh inntinneach a tha seo a tha a’ ceangal dualchas taobh siar na h-Alba ri costa tuath Èirinn agus bheir e buannachdan eaconamach gu na sgìrean sin. Bha Colum Cille na dhuine cudromach anns na tràth Mheadhan Aoisean agus comharraichidh foillseachadh an latha an-diugh a chuid obrach dha ginealach ùr a thuilleadh air a bhith a’ daingneachadh nan ceanglaichean eadar an dà dhùthaich agus an cànan.
Thuirt Calum MacIll Eain, Stiùiriche Buidheann Ealain Ghàidhlig na h-Alba, Pròiseact Nan Ealan: " Tha e air a bhith na onair dhan sgioba againn a bhith a’ cruthachadh a’ chiad shlighe turasachd a tha a’ ceangal Alba is Èirinn. Tha na meadhanan ùra didseatach a’ tabhann dòighean ùra inntinneach dha daoine airson tuigse fhaighinn mun eachdraidh agus airson ruighinn far na ghabh seo àite. Faodaidh Sli a bhith na eòlas pearsanta, teaghlaich no buidhneach agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri fhaicinn a’ leasachadh sna bliadhnaichean ri teachd.”
Thuirt Ferdie Mac an Fhailigh, CEO, Foras na Gaeilge: ‘Tha sinn air leth toilichte gu bheil Slí Cholmcille beò a-nis agus faotainneach dha na h-uile. Bheir e còmhla daoine à Èirinn, Alba agus gu dearbh bho air feadh an t-saoghail. Bheir e cothrom dha daoine rannsachadh a dhèanamh air àite na Gàidhlig is na Gaelige san àm ri teachd a thuilleadh air an àite a bh’ aca sna linntean a dh’fhalbh.”
Thuirt Stella McDermott, bho Maoin Crannchur an Dualchais: ‘Nì an goireas-lìn ùr seo ceangal eadar làraichean comharraichte thairis air iomadh dùthaich, a’ fosgladh an dualchais seo dha luchd-amais ùr agus farsaing agus tha sinn air leth toilichte a bhith an sàs sa phròiseact inntinneach seo a tha a’ comharrachadh Colum Cille agus a’ togail mothachadh dhen dualchas seo.”
Tadhal air a’ phròiseact agus faigh tuilleadh a-mach aig www.colmcille.org/
Airson fiosrachadh a bharrachd, ìomhaighean no agallamhan cuiribh fios gu:
Alba Gillian McCormack | Material_UK | Fòn:0141 204 7970 | gillian@materialmc.co.uk
Èirinn a Tuath agus Poblachd na h-Èireann Paul Rice | Material_Ireland | 00353 1 489 3608 | paul@material.ie
Mimi Rouge | Material_Ireland | 00353 1 489 3608 | mimi@material.ie