La Hiort 2010

06 an Lùnastal 2010

La Hiort 2010

La Hiort 2010



Air 29 Lùnastal 2009 nì a’ chiad latha Hiort a bh’ ann a-riamh comharrachadh air Hiort – aon de dh’àiteachan fìor iongantach an t-saoghail. Tha an tachartas air a chur air chois le Pròiseact nan Ealan (PnE) airson cuimhne a chumail air fàgail nan 36 Hiortach mu dheireadh air 29 Lùnastal 1930.

Nì Latha Hiort comharrachadh air an àite is na daoine, am beatha is an dìleab ann an ceòl is òrain, facail is ìomhaighean, aithris sgeulachdan is film. Tha tachartasan gu bhith a’ gabhail àite air feadh na dùthcha. Gheibhir tuilleadh fiosrachadh air na tachartasan air fad air larach linn Hiort air www.stkilda.eu

Tha Latha Hiort air èirigh à Opara chliùiteach Hiort a ghabh àite aig an aon àm ann an 5 dùthchannan Eòrpach ann am Meadhan an t-Samhraidh 2007. Thug an dreach Bheilgeach den Opara mòran tlachd do luchd-èisteachd aig Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann 2009. Tha Latha Hiort air maoineachadh fhaighinn bho Leader +, Comhairle nan Eilean Siar, Highlands and Islands Enterprise, Bord na Gaidhlig, Proiseact nan Ealan, Alba Chruthachail agus UNESCO.

Lorg

Cuir do phost-d a-steach airson na naidheachdan ur againn fhaighinn


Faigh blas dheth | Le taic bho FeedBlitz
English