La Hiort 09

21 an Lùnastal 2009

Air 29 Lùnastal 2009 nì a’ chiad latha Hiort a bh’ ann a-riamh comharrachadh air Hiort – aon de dh’àiteachan fìor iongantach an t-saoghail. Tha an tachartas air a chur air chois le Pròiseact nan Ealan (PnE) airson cuimhne a chumail air fàgail nan 36 Hiortach mu dheireadh air 29 Lùnastal 1930.

Nì Latha Hiort comharrachadh air an àite is na daoine, am beatha is an dìleab ann an ceòl is òrain, facail is ìomhaighean, aithris sgeulachdan is film. Tha tachartasan gu bhith a’ gabhail àite air feadh na dùthcha, a’ chuid mhòr dhiubh air 29 Lùnastal ach le cuid de thachartasan iomaill ron latha no às a dhèidh, mar cuairt Òrain Hiort Anna Latharna NicIllIosa le Rhona NicAoidh air a’ chlàrsaich. Bidh Anna is Rhona ag ath-aithris sgeulachd Hiort tro òrain, ceòl, ìomhaighean is bàrdachd dha luchd-èisteachd ann an Talla Taigh an Uillt (26 Lùnastal), Ionad Àrois, Port Rìgh (27), Talla Coimhearsnachd Ùige, Leòdhas (28), An Lanntair, Steòrnabhagh (29), Taigh Òsta an Tairbeirt (31) agus Talla Coimhearsnachd Southend, Dalabrog, Uibhist a Deas (1 Sultain).

Tha tachartasan cuairteil eile a’ gabhail a-steach Òrain Nàdair & Òrain Dùthcha le òrain bho Hiort, a bhios air an seinn le ceathrar de shàr luchd-ciùil na Gàidhlig – Gille –Brìghde MacIllemhaoil, Mairead Stiùbhart, Iain Dòmhnallach, & Ingrid NicEanraig–ann an Seallam! Na Hearadh (28 Lùnastal), agus Talla Coimhearsnachd Bheàrnaraigh Berneray (29).

Air Latha Hiort fhèin, bidh Eden Court ann an Inbhir Nis a’ sealltainn cruinneachadh sònraichte de fhilmean bho tasglann Hiort, nam measg cuid den chiad fhilmean a thogar a-riamh ann an Alba ann an 1908 - 'St Kilda: Its people and its birds'. Air an oidhche, bidh Consairt dà-phàirteach Hiort a’ comharrachadh is a’ cuimhneachadh air Hiort agus muinntir Hiort. Bidh pàirt 1 a’ cuimseachadh air fuaimean traidiseanta Hiort– òrain Ghàidhlig bho Iseabail Anna Mhàrtainn agus Anna Mhàrtainn – an dara pàirt le ceòl co-aimsireil a fhuair brosnachadh bhon àite. Bidh Fiona NicChoinnich (Griais) agus Calum Màrtainn (le taic bho Brian O hEadhra agus Lisa Mulholland) a’ seinn òrain ùr Hiortach –an t-urram fhèin dha Hiort.

Bidh The Island Tapes le Alyth NicCarmaig a’ comharrachadh Latha Hiort san Roinn Mheadhain agus an dèidh sin bidh Cèilidh Hiort anns an CCA ann an Glaschu agus Aig oir na cruinne san Theatre Workshop ann an Dùn Èideann, le Dòmhnall S Moireach, Calum Feargastan, Catriona Watt, Seumas Greumach & Màiri NicLeòid.

Tha An Lanntair ann an Steòrnabhagh air tachartasan Hiort a chur an lùib Fèis Leabhraichean Innse Gall – Faclan. A thuilleadh air Songs of St Kilda, bidh balaich na sgìre, Iain Moireasdan agus Daibhidh Màrtainn a’ taisbeanadh an dreach fhèin de Hiort le coimeasgadh den latha an-diugh is an-dè agus fìrinn is ficsean ann an 'St Kildan Post'.

Bidh grunn de thaisbeanaidhean co-cheangailte ri Hiort fosgailte dhan mhòr-shluagh air Latha Hiort ann an Seallam! (Na Hearadh), Gailearaidh Ealain is Taigh-tasgaidh Kelvingrove (Glaschu), Eden Court (Inbhir Nis), Dualchas Nàiseanta na h-Alba (Peairt), agus Àros (An t-Eilean Sgitheanach). Tha gu leòr thachartasan eile gu bhith ann leithid òraidean ann an Seallam agus leughaidhean dramatach ann an Kelvingrove – faigh a-mach mu na tachartasan sin air fad, agus tuilleadh aig www.stkilda.eu.

Tha Latha Hiort air èirigh à Opara chliùiteach Hiort a ghabh àite aig an aon àm ann an 5 dùthchannan Eòrpach ann am Meadhan an t-Samhraidh 2007. Thug an dreach Bheilgeach den Opara mòran tlachd do luchd-èisteachd aig Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann 2009. Tha Latha Hiort air maoineachadh fhaighinn bho Homecoming Scotland 2009, Leader +, Comhairle nan Eilean Siar, Highlands and Islands Enterprise, Bord na Gaidhlig, Comunn na Gaidhlig, Proiseact nan Ealan, Scottish Arts Council Comhairle nan Eilean Siar and UNESCO.

Lorg

Cuir do phost-d a-steach airson na naidheachdan ur againn fhaighinn


Faigh blas dheth | Le taic bho FeedBlitz
English