PRÒISEACT COIMHEARSNACHD A’ LORG AODACH BHON LINN A DH’FHALBH

12 am Màrt 2009

A bheil fìor sheann aodach agad nad phreas-aodaich? Frocaichean no deisichean bhon àm a dh’fhalbh a’ cruinneachadh dust? Tha Pròiseact nan Ealan (PnE) agus Crossroads Caring Scotland a’ sireadh seann aodach bho linntean eadar-dhealaichte airson pròiseact ùr Ghàidhlig - Na mo Chuid Aodaich. Bidh a’ phròiseact a’ cleachdadh aithris sgeulachdan is òrain airson tachartasan nan 1900an, agus a’ bhuaidh a bh’ aca air fasanan nan eilean, a rannsachadh. Gu ruige seo tha eagraichean air cruinneachadh iongantach de dh’aodach a thional, le stoidhlichean bho na diofar dheicheadan, a’ gabhail a-steach dreasaichean prom bho na 1950an, meanbh-dhreasaichean nan 1960an, dreasaichean fada nan 1970an, dreasaichean bainnse bho chaochladh linntean, gun ghuth air cnip, adan agus treallaich is folderoles de gach cumadh is meud. Thuirt Marisa Dhòmhnallach, Ceannard Riochdachaidh PnE: “Tha na diofar aodaichean a tha sinn air cruinneachadh mu thràth iongantach dha-rìribh agus tha fadachd oirnn gus am faic sinn dè eile a tha aig daoine air falach. Feuchaibh ri na h-ulaidhean falaichte a lorg gus am faigh sinn air an cleachdadh mar phàirt den phròiseict bhrosnachail seo agus air an roinn ri càch sna h-Eileanan Siar. Seallaidh sinn an dèidh an aodaich gu cùramach agus thèid a thilleadh an dèidh na pròiseict”. Ma tha càil sam bith agaibh coltach ri seo faodar a chur a-steach gu Pròiseact nan Ealan (10 Iomair Sligeach), no faodaidh sibh fios a chur gu PnE air 01851 704493 / post-d pne@gaelic-arts.com gus an tèid a thogail is uair a chur air dòigh no airson tuilleadh fhaighinn a-mach mun phròiseict. Bidh na tachartasan a’ gabhail àite am-bliadhna air feadh Leòdhais agus bidh buill na coimhearsnachd uile an sàs ann –sean is òg. Thèid an t-airgead a chruinnicheas sinn gu Crossroads – buidheann charthannais a tha ag amas air beatha luchd-cùraim a leasachadh le bhith a’ tabhann amannan fois agus taic ghnìomhach. Tha 48 sgeamaichean Crossroads air feadh Alba – a’ toirt seachad còrr air millean uair a thìde de thaic ghnìomhach dha Luchd-cùraim gach bliadhna. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun phròiseict a dh’aithghearr.

Lorg

Cuir do phost-d a-steach airson na naidheachdan ur againn fhaighinn


Faigh blas dheth | Le taic bho FeedBlitz
English