Na Mo Chuid Aodaich – fìor dheagh shoirbheachadh dha coimhearsnachd nan Loch
19 an Cèitean 2009
19 an Cèitean 2009
Air Dihaoine 16mh Cèitean, chruinnich còrr air 250 neach de gach aois bho choimhearsnachd nan Loch, agus bho nas fhaide air falbh, aig Ionad Coimhearsnachd Ceann a Tuath nan Loch airson faicinn agus gabhail pàirt ann am pròiseact coimhearsnachd sònraichte ùr-ghnàthach Ghàidhlig far an robhar a’ cleachdadh dràma, òrain, sgeulachdan is fasanan. Chaidh Na Mo Chuid Aodaich a stiùireadh le Pròiseact nan Ealan agus Crossroads Care Leòdhais, ach cha b’ urrainn dha a bhith air àite a ghabhail às aonais taic is brosnachadh bho buill na coimhearsnachd ionadail a thug a’ phròiseact air adhart bho beachd gu gnìomh. Thuirt Ishbel NicLeòid, an t-eagraiche ionadail: “Nuair a chaidh sinn an sàs ann b’ e ar dòchas is ar n-amas na b’ urrainn dhuinn de dh’airgead a chruinneachadh airson Crossroads, agus muinntir nan Loch –Ceann a Tuath, Ceann an Loch agus Ceann a Deas nan Loch – a chruinneachadh còmhla; rinn sinn an dà rud agus chaidh againn air còrr air £2,200 a thogail air oidhche Haoine dha Crossroads agus tha tuilleadh thabhartasan a’ tighinn a-steach!”
Thàinig cuideachadh bho air feadh na coimhearsnachd, bho sean is òg, le daoine a’ tabhann biadh blasta is bèicearachd, a’ toirt aodach dhuinn agus ga thaisbeanadh is a’ cuideachadh air an oidhche. B’ e dha-rìribh oidhirp coimhearsnachd a bh’ ann agus fhuair obair chruaidh is oidhirpean sònraichte an luchd-eagrachaidh duaiseachadh le talla loma-làn is fìor dheagh fhreagairt bhon luchd-amhairc.
Thuirt Mòrag NicChoinnich, eagraiche ionadail eile seo mun phròiseict is mun obair choimhearsnachd: “Bha spiorad coimhearsnachd gu math follaiseach, le gach pàirt de na Lochan air a riochdachadh, agus daoine bho iomadh pàirt eile den eilean an làthair airson an tachartais shònraichte seo. Bu mhath leinn taing a thoirt dha gach neach a chuidich sinn –agus fhuair sinn cuideachadh mòr, bho teaghlaichean & caraidean le bhith a’ cur an tachartais seo air dòigh san Ionad Coimhearsnachd. Bha e gu sònraichte tiamhaidh gun robh cuid den aodach bho na linntean a dh’fhalbh air an taisbeanadh le nigheanan, oghaichean is clann peathraichean seanmhar an fheadhainn leis an robh iad bho thus”.
Thuirt i cuideachd : “Nuair a thig an taisbeanadh seo gun sgìre agaibh dèanamh cinnteach nach caill sibh e! Tha gach taisbeanadh sònraichte – tha an aodach, na modailean agus na sgeulachdan a’ riochdachadh an sgìre fhèin. Soirbheachadh sònraichte eile dha Pròiseact Nan Ealan. Tha soirbheachadh an taisbeanaidh Ghàidhlig seo, le goireasan eadar-theangachaidh, a’ foillseachadh gu bheil miann ann an cànan is an cultar againn a chumail beò”.
Thèid a’ phròiseact fhoillseachadh ann an coimhearsnachdan eile sna mìosan a tha ri thighinn agus mar sin gheibh neach sam bith nach d’ fhuair cothrom air taisbeanadh Dhihaoine dreach eile fhaicinn. Bidh an ath thaisbeanadh ann an Tolastadh bho Thuath air 29mh Cèitean ann an Ionad Coimhearsnachd Tholastaidh. An dèidh sin bidh taisbeanaidhean san Rubha (5mh Ògmhios, Sgoil Phabail), agus ann an Siabost (19mhÒgmhios) le taisbeanaidhean eile ann am Borgh, sna Hearadh, Uibhist a Deas agus Barraigh aig amannan nach deach a shuidheachadh fhathast.
Cuiribh fios gu Pròiseact nan Ealan (01851 704493 / pne@gaelic-arts.com) ma tha sibh airson barrachd fiosrachadh fhaighinn mun phròiseict seo no airson cuir ri taisbeanadh na sgìre agaibh ann an dòigh sam bith.
Gu ruige seo tha taic airgid air a thighinn bho Comhairle Ealain na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Comunn na Gàidhlig, Leader + agus bho MG ALBA.