Fasanan Leòdhais tro na Ginealaichean
07 an Cèitean 2009
07 an Cèitean 2009
Tha pròiseact ùr eadar-ghinealach ealain ga cur air dòigh an-dràsta anns a bheil coimhearsnachdan tro na h-Eileanan Siar an sàs.
Tha Na Mo Chuid Aodaich air a stiùireadh le Pròiseact nan Ealan (PnE) – a’ bhuidheann ealain Ghàidhlig – ann an co-bhoinn ri Curam Crossroads Leòdhais. Bidh a’ phròiseact a’ cleachdadh dràma, òrain, sgeulachd is ceòl Gàidhlig airson rannsachadh a dhèanamh air eachdraidh is buaidh fasain tron linn mu dheireadh.
Tòisichidh a’ phròiseact-dearbhaidh choimhearsnachd seo, a bhios ann an ochd àitean tro na h-Eileanan Siar ann an Ionad Coimhearsnachd Ceann a Tuath nan Loch, Liurbost air 15 Cèitean aig 7f. Bidh Magaidh Nic a’ Ghobhainn (Na Lochan) agus Eilidh NicIain (An Rubha), agus luchd-ciùil is seinneadairean bhon sgìre, a thèid ainmeachadh an ath sheachdain, an sàs ann an taisbeanadh nan Loch.
Tha a’ phròiseact ga ruith anns gach coimhearsnachd le saor-thoilich agus tha i a’ toirt a-steach daoine de gach aois. An dèidh tagradh a dhol a-mach tha gach àite air aodach seann-fhasanta a chruinneachadh bhon choimhearsnachd, agus bidh daoine òga bho gach coimhearsnachd a’ taisbeanadh an aodaich sin. Bidh an fheadhainn leis a bheil an t-aodach ag innse nan sgeulachdan is na h-eachdraidh a tha co-cheangailte ris an aodach a thathas a’ taisbeanadh – agus bidh iad sin sònraichte don choimhearsnachd sin. An àite a bhith a’ ceannach thiogaidean ‘s e tabhartasan a thathas ag iarraidh agus thèid an t-airgead gu lèir gu Crossroads Caring Scotland. Tha a’ bhuidheann chathrannais seo, a bhios a’ toirt faochadh dha luchd-cùraim theaghlaichean is a’ toirt taic dha daoine le ciorram, air moladh mòr fhaighinn o chionn ghoirid airson càileachd an cùraim is an taic, agus airson càileachd an luchd-obrach, an luchd-stiùiridh is an ceannais. Le lìonraidhean tro na h-Eileanan Siar tha iad air a bhith gu mòr an sàs a’ dèanamh cinnteach gu tèid roinnean eadar-dhealaichte an sàs san obair.
Thuirt Criosaidh NicLeòid, Manaidsear Crossroads Leòdhais: "Tha sinn air brosnachadh mòr fhaighinn bhon iomairt mhaoineachaidh seo bho Pròiseact nan Ealan agus bhon dealas a tha iad fhèin agus na coimhearsnachdan a tha a’ cumail nan taisbeanaidhean air fhoillseachadh.
“Tha cùisean a’ dol air adhart gu math – tha e ùr is inntinneach, a’ cur daoine de gach aois an sàs agus gach pìos aodaich a’ dèanamh luaidh air eachdraidh fhèin”.
Bidh na taisbeanaidhean sònraichte do gach àite le modailean, cleasaichean is seinneadairean. Chan eil sinn a’ smaoineachadh gum faigh neach sam bith briseadh dùil - thigibh ga fhaicinn agus cuidichidh an tabhartas agaibh le bhith a’ toirt barrachd cùraim seachad nar coimhearsnachdan dha daoine a tha feumach air.”
Ged nach fheumar tiogaidean tha luchd-eagrachaidh a’ feuchainn ri tomhais a dhèanamh air àireamhan ro na tachartasan gus am bi greimean bidhe is deochan gu leòr aca – Cuiribh fios gu oifis PnE air (01851 704493) no gun neach-eagrachaidh ionadail Ishbel NicLeòid (01851 860418) ma tha sibh airson a thighinn chun taisbeanaidh
A thuilleadh air PnE is Crossroads, tha raon farsaing de bhuidhnean is daoine fa leth bho choimhearsnachdan sgìreil air a bhith an sàs sa phròiseict eadar-ghinealaich seo – a’ gabhail a-steach Buidheann Aillse Mhic a’ Mhaoilein, Foghlam Coimhearsnachd, Buidhnean Coimhearsnachd anns gach sgìre, Clubaichean Chaileagan, Clubaichean Sunshine is Young at Heart agus mòran saor-thoilich bho gach sgìre. Tha PnE gu mòr an comain an luchd saor-thoileach airson an tàlant, an dìoghras is an dealas a tha iad air fhoillseachadh an lùib na pròiseict.
Gu ruige seo tha taic ionmhais air a thighinn bho na leanas: Comhairle Ealain na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Comunn na Gàidhlig, agus MG ALBA.