Foillseachadh ionadail den DVD Karaoke an dèidh an tachartais shoirbheachail ann an Glaschu.
19 an Gearran 2009
19 an Gearran 2009
Air 23 Faoilleach chuir Pròiseact nan Ealan (PnE) agus Murray International Language Centre (MiLC) Seinn thu Fhèin air bhog – an DVD karaoke ùr Gàidhlig. Chaidh fhoillseachadh ann an Ionad Ealain Co-aimsireil Ghlaschu (CCA), mar phàirt de phrògram Celtic Connections Ceòl ‘s Craic.
Bhruidhinn Gòrdan Moireach, Stiùiriche MILC aig an fhoillseachadh mu mar a thòisich a bheachd airson an DVD, còmhla ri Calum MacIlle Eain, Stiùiriche PnE, a chuidich le bhith a’ toirt a’ bheachd gu buil. Bha an seinneadair òg Gàidhlig Michelle Mhoireasdan, a tha a’ seinn air Seinn thu Fhèin, ann airson eileamaid a’ karaoke a thaisbeanadh –ach cha robh an luchd-èisteachd mu 50 neach a’ cur feum air mòran brosnachaidh agus bha a’ chùis a’ còrdadh riutha gu mòr a’ seinn iad fhèin. Bha an luchd-èisteachd cuideachd air leth toilichte le Na Rionnagan – còmhlan ciùil de nigheanan òga à Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Thaisbean Na Rionnagan ceòl mìorbhaileach còmhla a thuilleadh air dithis a’ seinn leotha fhèin mus do thòisich iad a’ seinn còmhla ris a’ karaoke.
Thuirt Gòrdan Moireach: “Tha sinn cho toilichte gu bheil riochdairean againn bho roinn an fhoghlaim – agus a’ faicinn cho math ‘s a chòrd an DVD ris a’ chloinn thàlantach sin tha sinn nas dealasaiche an DVD fhaighinn gu teaghlaichean, sgoiltean agus daoine òga. Ach chan ann a-mhàin air clann a tha an DVD a’ cuimseachadh – tha sinn den bheachd gum faigh luchd-ionnsachaidh inbheil tlachd às mar dhòigh eile air eòlas a chur air a’ chànan, agus dòigh a chuireas ri prògram ionnsachaidh sam bith.”
Tha an ceangal ri luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a’ faighinn neartachadh a bharrachd aig an fhoillseachadh ionadail air 23 Gearran ann an co-cheangal ri Colaiste a’ Chaisteil agus Comhairle nan Eilean Siar. Bidh iad a’ cumail oidhche fhosgailte Ulpain dha tuitearan, sgoilearan agus dha neach sam bith le ùidh ann an dòigh-teagaisg Ulpain. San dara pàirt den oidhche thèid an DVD a thaisbeanadh le Còisir Ghàidhlig Lacasdail agus gheibh a h-uile neach cothrom feuchainn air ann an seisean/seinn fosgailte karaoke.
Thathas ag iarraidh air neach sam bith a tha ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh mu Ulpan, no a tha airson an karaoke fheuchainn a thighinn gun tachartas seo, a tha a’ gabhail àite ann an Colaiste a’ Chaisteil air 23 Gearran aig 7f.
Bidh an DVD ri fhaighinn aig an fhoillseachadh ionadail, agus cuideachd sna bùthan is air-loidhne. Airson an DVD fheuchainn no a cheannach air-loidhne rachaibh gu www.gaelic-arts-portal.com.