Tha Seinn thu Fhèin ga chur air bhog ann an Glaschu
22 am Faoilleach 2009
22 am Faoilleach 2009
Tha Pròiseact nan Ealan(PnE) agus Murray International Language Centre (MiLC) toilichte innse gu bheilear a’ cur Seinn thu Fhèin – an DVD karaoke Gàidhlig air bhog. Thèid an DVD a chur air bhog aig fèis Celtic Connections air Dihaoine 23 Faoilleach. Bidh am foillseachadh ann an Centre for Contemporay Arts (CCA) a bhios a’ cumail a’ chiad Fhèis Ghàidhlig ann am Film is Ceòl, Film ‘s Craic bho 22 – 24 Faoilleach.
Dìreach mar an DVD fhèin, bidh an fhoillseachadh gu math aotrom, a’ cuimseachadh air teaghlaichean, sgoiltean, luchd-ionnsachaidh agus fileantaich a tha dèidheil air beagan karaoke. Tha Michelle Mhoireasdan, bhon chòmhlan chaileagan Teine, a’ seinn air an DVD agus bidh i a’ seinn òran no dhà Dihaoine. Thuirt Michelle, “Chòrd e rium fìor mhath a bhith an sàs ann am pròiseact Seinn Thu Fhèin, agus tha e math dha-rìribh gum faigh barrachd dhaoine air a dhol an sàs ann is a-nise an DVD ri fhaighinn. ‘S e fìor spòrs a th’ ann an Seinn thu Fhèin dhan fheadhainn aig a bheil a’ Ghàidhlig ach tha e cuideachd na inneal ionnsachaidh iongantach dhan fheadhainn a tha ag ionnsachadh. Bu chòir dha Seinn thu Fhèin a bhith aig a h-uile pàrtaidh!
Bidh an còmhlan òg Gàidhlig, Na Rionnagan a’ riochdachadh Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus a’ cluich fear no dhà de na h-òrain aca fhèin agus a’ feuchainn a-mach an karaoke. Thathas an dòchas gun gabh ionadan foghlaim gu math ri Seinn thu Fhèin mar inneal annasach airson ionnsachadh a bhios taitneach dha daoine òga is teaghlaichean. ‘S e fìor dheagh dhòigh a th’ ann faighinn a-steach do chultar na Gàidhlig agus airson taic a chur ri prògram cànain sam bith.
Thuirt Manaidsear Leasachaidh Luchd-amais nan Ealan Gàidhlig, Kirstie Anderson, “Tha prògram Celtic Connections mìorbhaileach am-bliadhna agus tha sinn den bheachd gum bi daoine a’ ruith bho chonsairt gu consairt –chan eil gainnead de dheagh cheòl Gàidhlig is chultar ann an Glaschu, gu h-àraidh aig fèis Film ‘s Craic. Air sgàth seo bidh am foillseachadh goirid – mar sin ma tha thu ann an Glaschu thig ann, gabh deoch is grèim bidhe agus feuch air karaoke – no mur eil de mhisneachd agad a sheasas airson seinn buileach fhathast tha mi cinnteach gun còrd e a cheart cho math riut a bhith a’ coimhead chàch!”
Airson a bhith aig an fhoillseachadh cuir fios gu Kirstie@gaelic-arts.com, fòn PnE air 01851 704493 no rach gu www.gaelic-arts-portal.com/karaoke airson tuilleadh fhaighinn a-mach, airson ro-shealladh fhaighinn den DVD no airson a cheannach.