Hiort: Opara Eòrpach a’ tilleadh chun àrd ùrlair

26 an t-Samhain 2008

18 mìosan an dèidh dha Hiort: Opara Eòrpach a bhith air a thaisbeanadh beò air feadh na Roinn Eòrpa, tha a’ phròiseact air ais air an rathad. Tha an taisbeanadh Beilgeach, a chaidh ath-bheothachadh is a thaisbeanadh o chionn ghoirid ann am Mons (A’ Bheilg), deiseil airson luchd-èisteachd a chur air bhoil ann an Grenoble (An Fhraing) nas fhaide air adhart san t-seachdain.

B’ e prìomh Phròiseact ealain fo stiùireadh Pròiseact nan Ealan a bh’ ann an Hiort: Opara Eòrpach. Chaidh an co-thaisbeanadh eadar-nàiseanta fhoillseachadh an toiseach air 22 agus 23 Ògmhios 2007 ann an còig ionadan Eòrpach aig an aon àm: An Fhraing (Valenciennes); A’ Bheilg (Mons); A’ Ghearmailt (Düsseldorf); An Ostair (Hallstatt) agus Alba (Steòrnabhagh), ceangailte le ceangal beò saideil ri Hiort agus air webcast beò air a’ BhBC.

On uair sin, tha a’ phròiseact air duais Best Traditional Event a bhuannachadh aig Scottish Events Awards, agus chaidh an taisbeanadh Albannach, (Mac Talla nan Eun) a shealltainn air a’ BhBC. A-nise tha an taisbeanadh Beilgeach (L' Île des Hommes-Oiseaux)air ais air an àrd-ùrlar.

Bha an taisbeanadh Beilgeach stèidhte air an aon co-sgriobt, sgrìob, libretto agus seallaidhean ro-fhilmichte ri na taisbeanaidhean eile ach tha e a’ foillseachadh a mhìneachaidh shònraichte fhèin de gach aon dhiubh sin. Chaidh a stiùireadh le Thierry Poquet agus tha an seinneadair is a’ bhana-chleasaiche Ghàidhlig, Alyth NicCarmaig a’ gabhail pàirt ann.

Thuirt Alyth "Tha mi air leth toilichte a bhith air ais ag obair air Opara Hiort a-rithist. ‘S e briseadh dùil a th’ ann uaireannan dha luchd-ealain nuair nach fhaigh iad cothrom tadhal air obair ùr a-rithist an dèidh dhaibh uimhir de dh’obair chruaidh a chur a-steach dhan ullachadh aige. Mar sin, bha mi fìor thoilichte nuair a thuirt an sgioba ann am Mons gun robh iad airson an Opara fhoillseachadh a-rithist oir chòrd e gu mòr rium a bhith nam phàirt dheth a’ chiad uair agus ‘s e obair chumhachdach a th’ ann a tha airidh air fhaicinn le barrachd dhaoine. Tha fhoillseachadh a-rithist ann am Mons gu àireamh mhòr de luchd-amhairc a’ ciallachadh gu bheil comas aig an taisbeanadh siubhal agus mar sin gu bheil soirbheachadh air thoiseach air. Chan eil cànan na bhacadh sam bith; ’s e cridhe na sgeulachd agus neart an taisbeanaidh aig a bheil buaidh.

“Tha an luchd-ealain uile a tha an sàs ann, biodh iad bhon Bheilg, bhon Fhraing no à Alba taiceil dhan taisbeanadh agus air am beò-ghlacadh le na daoine ud. Tha mi moiteil gu bheil mi nam phàirt de aithris na sgeulachd."

Bha an taisbeanadh air àrd-ùrlar ann an La Manége, Mons, bho 19 – 21 Samhain 2008 agus tha barrachd luchd-amhairc rin ruighinn nuair a thèid a thaisbeanadh mar phàirt den Fhèis 38e Rugissants ann an Grenoble, An Fhraing aig deireadh na mìos-sa. Tha an fhèis a’ comharrachadh a 20mh ceann-bliadhna leis a’ chuspair, “Compose the World”, tro bheil i a’ rannsachadh thraidiseanan bhon dùthaich agus thar na dùthcha agus ceangal mhic an duine ri tìr shònraichte. Tha e furasta fhaicinn carson a tha Opara Hiort, a tha a’ cuimseachadh air an tìr is an t-sluagh agus air a’ cheangal a tha eatorra, freagarrach dha cuspairean na fèise seo. Thèid an Opara a chur air an àrd-ùrlar ann an Grand Theatre, Grenoble air 28 Samhain.

Agus mur eil A’ Bheilg is An Fhraing fad às gu leòr bidh Hiort: L' Île des Hommes-Oiseaux cuideachd ann an Casablanca (Afraga) aig toiseach 2009. Tha cinn-latha nan taisbeanaidhean ùra a’ sealltainn fìor eileamaid eadar-nàiseanta na pròiseict, beachd a thug Frangach gu Pròiseact nan Ealan an toiseach. Thuirt Calum MacIlle-Eain, Stiùiriche Pròiseact nan Ealan, a bha os cionn na pròiseict: “Tha e math a’ Ghàidhlig fhaicinn air àrd-ùrlar eadar-nàiseanta. Tha sgeulachd Hiort a’ leantainn oirre a’ cur iongnadh air luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail, agus tha soirbheachadh an taisbeanaidh Bheilgich na dhearbhadh air sin. Tha sinn toilichte gu bheil cothrom againn a’ Ghàidhlig a thoirt gu dùthchannan cho farsainge agus uimhir de luchd-èisteachd ùra a ruighinn leis an taisbeanadh mìorbhaileach seo. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri na leasachaidhean brosnachail mu Hiort a th’ againn san amharc thairis air a’ bhliadhna a tha romhainn, a’ gabhail a-steach cùisean co-cheangailte ri Tighinn Dhachaigh Alba 2009”.

Lorg

Cuir do phost-d a-steach airson na naidheachdan ur againn fhaighinn


Faigh blas dheth | Le taic bho FeedBlitz
English