Luchd-ealain chliùiteach gu bhith aig “Celebrating Simon”

15 an Dàmhair 2008

‘S e feasgar de bhàrdachd, òrain, ceòl is dràma a th’ ann an “Celebrating Simon” a tha coisrigte dha Sìm MacCoinnich, an cleasaichte Gàidhlig nach maireann. Tha am feasgar ga chur air bhog aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghal san Eaglais Bhric an-diugh (Diciadain). Thèid a chur air bhog aig cuirm shònraichte a tha dhà de urrasairean an tachartais a’ cumail - MG ALBA agus CnaG – agus An Gàidheal Ùr. ‘S e co-thaisbeanadh eadar Pròiseact nan Ealan agus Lìonra Theatre na Gàidhealtachd is nan Eilean (HITN) a th’ ann an “Celebrating Simon” agus bidh e a’ gabhail àite aig Eden Court, Inbhir Nis air 24mh Dàmhair 2008.

Air sgàth cho cliùiteach ‘s a tha an luchd com-pàirt air an oidhche agus airson a’ ghràidh is na spèis a bh’ aig daoine dha Sìm air feadh na Gàidhealtachd, tha iarrtasan airson tiogaidean gu math àrd mu thràth agus tha an tachartas air ùidh mhòr a thogail. An dèidh an fhoillseachaidh aig a’ Mhòd agus an t-sanasachd san Eaglais Bhric an t-seachdain seo, thathas an dùil gum bi na tiogaidean a’ reic gu math luath agus tha luchd-eagrachaidh an tachartais a’ cur ìmpidh air daoine aig a bheil ùidh ann agus air na h-uile a bha nan caraidean is nan co-oibrichean aig Sìm, tiogaidean eàrlasachadh a dh’aithghearr gus nach faigh iad briseadh-dùil. Gheibhear iad bho Oifis nan Tiogaidean aig Eden Court Box air 01463 234 234.

Tha grunn de shàr luchd-ealain bho raon de roinnean-ealain toilichte a bhith a’ gabhail pàirt san tachartas mar chuimhneachan air Sìm MacCoinnich – aon de na cleasaichean a b’ fheàrr a bh’ air Ghàidhealtachd.

Bidh cuimhne air Sìm airson na chuir e ri, agus airson cho dìoghrasach is a bha e mu dràma Gàidhlig agus chithear seo bhon dithis chleasaichean ainmeil Gàidhlig, Carina NicLeòid agus Daibhidh Walker, a bhios a’ taisbeanadh pìos ùr a chuir iad ri chèile gu sònraichte airson an tachartais. Thuirt a' bhana-chleasaiche, Carina NicLeòid, a bhios a' cluich air an oidhche: "A thuilleadh air a bhith nam cheannard nuair a bha sinn ag obair còmhla air iomadh taisbeanadh Tosg, bha Sìm na charaid dhomh. Bha uimhir a phlòidh againn còmhla agus tha e na onair dhomh gun deach iarraidh orm cluich a-nochd. B' e fìor dhuin'-uasal Gàidhlig a bh' ann agus tha mi ga ionndrainn gu mòr."

Bidh Seasaidh Lexy a’ toirt aotromachd don oidhche le a fealla-dhà eas-urramach àbhaisteach agus bidh am bàrd Aonghas Pàdraig Caimbeul, a’ leughadh a chumha fhèin dha Sìm: “An Cèilidh “.

Bha Sìm cuideachd air leth dèidheil air ceòl, agus tha an luchd-eagrachaidh air mòran sheinneadairean is luchd-ciùil bhon Ghàidhealtachd is bho a taobh a-muigh fhastadh. Nam measg tha am pìobaire is an t-seinneadair cliùiteach Rona Lightfoot, à Uibhist a Deas; am pìobaire ainmeil à Gleann Ùige, Ailean Dòmhnallach, am fìdhlear, Johnny Hardie a thuilleadh air na seinneadairean Gàidhlig, Iseabail NicAsgaill , Jenna Cummings, Art Carmac, Cairistiona Primrose agus Alyth NicCarmaig. Bidh an seinneadair eadar-nàiseanta opara, Harry Nicoll à Inbhir Nis a’ seinn le cuideachadh-ciùil bho Sheila Bruce.

Tha luchd-eagrachaidh gu mòr an comain na luchd-ealain uile a tha a’ toirt seachad dhan ùine gun phàigheadh airson taic a chur ri Urras Shìm MhicCoinnich. Tha na co-bhuidhnean, PnE agus HITN, cuideachd taingeil dha urrasairean an tachartais: Pròiseact nan Ealan, Bòrd na Gàidhlig, MG ALBA, Comunn na Gàidhlig, An Comunn Gàidhealach, An Eaglais Easbaigeach, Comhairle nan Eilean Siar,agus Comhairle na Gàidhealtachd.

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha An Comunn Gàidhealach air leth toilichte taic a chur ri “Celebrating Simon”. Tha sinn gu mòr an comain Shìm MhicCoinnich airson na chuir e a-steach do shaoghal na Gàidhlig, gu h-àraidh gu dràma, agus airson nan oidhirpean a rinn e airson ìomhaigh an dràma a thogail aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail. B’ ann, sa mhòr chuid, air sgàth oidhirpean Shìm a fhuair An Comunn Gàidhealach urrasachd bhon West Highland Free Press gus cuideachadh le farpaisean an dràma agus tha e a’ toirt toileachas mòr dhuinn taic a chur ris an oidhche agus cuideachadh a thoirt dhan ath ghinealach de Ghàidheil gus ùidh ghnìomhach a ghabhail ann an dràma Ghàidhlig.”

Thuirt Ian Brown, Neach-cathrach HITN, a tha a’ cur a’ cho-thaisbeanaidh air dòigh còmhla ri PnE: “Bha Lìonra Theatre na Gàidhealtachd is nan Eilean dlùth dha cridhe Shìm. Bha e na bhall taiceil, an-còmhnaidh deònach càch a chuideachadh agus dràma a leasachadh air feadh na roinne is nas fhaide mach. A thuilleadh air na sgilean ealanta a bh’ aige bha lèirsinn mhìorbhaileach eadar-nàiseanta aige agus beairteas inntleachdail. Tha sinn air leth toilichte co-urrasachd a thoirt seachad air an oidhche seo mar chuimhneachan air agus airson euchdan mòra a chomharrachadh.”

Thèid na thig a-steach a dh’airgead a chur gu Urras Shìm MhicCoinnich a leanas le lèirsinn Shìm gu bhith a’ toirt taic dha cleasaichean òga Gàidhlig. Faodaidh an fheadhainn nach urrainnn a bhith an làthair aig “Celebrating Simon” cur ris an dìleab seo le bhith a’ cur airgead gu: Notaichean luchd-deasachaidh: Urras Shìm MhicCoinnich, Banca Rìoghail na h-Alba, Stockbridge, Dùn Èideann Àireamh cunntais: 00238392,Còd Seòrsachaidh : 832002

Lorg

Cuir do phost-d a-steach airson na naidheachdan ur againn fhaighinn


Faigh blas dheth | Le taic bho FeedBlitz
English