“Celebrating Simon” – Oidhche Chuimhneachaidh Sìm MhicCoinnich

07 an Dàmhair 2008

Tha “Celebrating Simon” fosgailte dha na h-uile agus tha luchd-ciùil is luchd-cleasachd ainmeil gu bhith ann, a’ gabhail a-steach Jenna Chuimeanach, Davy Walker, Rona Lightfoot agus Aonghas Pàdraig Caimbeul. Ach chan e a-mhàin cèilidh a bhios anns an tachartas – tha e a’ comharrachadh toiseach dìleab Shìm, Urras Shìm MhicCoinnich.

Air a bhreith is air àrach sna Hearadh, bha iomadh dreuchd shoirbheachail aig Sìm mar chleasaiche, chraoladair, sheinneadair agus dhràmadaiche. Tha e ainmeil airson obair dràma leis an Young Vic Theatre Company, 7:84 agus Dràma na h-Alba agus airson obair telebhisein, a’ gabhail a-steach a dhreuchd mar ceannard colaiste san t-siabann Ghàidhlig, Machair. Sna bliadhnaichean mu dheireadh rinn e ainm dha fhèin mar Stiùiriche Tosg, a’ Chompanaidh Nàiseanta Ghàidhlig. B’ e Hiort: Opara Eòrpach an taisbeanadh mu dheireadh aige far an robh e an sàs airson còrr air ceithir bliadhna, ro na taisbeanaidhean deireannach san Ògmhios 2007.

Mar chleasaiche, sgeulaiche agus MC bha Sìm iomraiteach, ach bidh cuimhne air airson barrachd na a thaisbeanaidhean fhèin. Bha an obair a rinn e agus an taic a thug e dha dràma òigridh cudromach dha-rìribh agus chuir e bliadhnaichean seachad a’ dol mu chuairt sgoiltean ann an Alba is ann an Èirinn agus ag obair le daoine òga tro dhràma Ghàidhlig ann an Tosg, Fèisean nan Gàidheal, agus am Mòd am measg pròiseactan eile. Ann an 1989, thàinig Sìm gu bhith na Stiùiriche air Òrdag Sgealbag, a’ chiad chompanaidh theatre ann am foghlam, a chaidh a chruthachadh le Pròiseact nan Ealan. A-rithist le Pròiseact nan Ealan, bha Sìm a’ stiùireadh na sgoil-shamhraidh Ghàidhlig, Dràma na h-Oigridh, eadar 1990 agus 1997.

Thèid Urras Shìm MhicCoinnich a stèidheachadh mar urram dhan obair a rinn e agus airson leantainn leis. Bheir e taic dha miannan ealanta dhaoine òga le Gàidhlig agus cuidichidh e le bhith a’ leasachadh am misneachd agus an sgilean. Tha “Celebrating Simon” ag amas air maoin a thional dha Urras Shìm MhicCoinnich agus tha luchd-eagrachaidh gu mòr an comain luchd-ealain a tha a’ taisbeanadh an tàlantan saor ‘s an-asgaidh. Tha taic ionmhasail bho Pròiseact nan Ealan, Bòrd na Gàidhlig, MG ALBA, Comunn na Gàidhlig, An Comunn Gàidhealach, An Eaglais Easbuigeach, Comhairle nan Eilean Siar, agus Lìonraidh Theatre na Gàidhealtachd is nan Eilean ga dhèanamh comasach a’ chuirm seo a chur air adhart.

Gabhaidh Celebrating Simon àite air 24 Dàmhair, 7:30f ann an Eden Court. Gheibhear tiogaidean bho Oifis Thiogaidean Eden Court air 01463 234 234 agus cosgaidh iad £20 (thèid prìs nan tiogaidean a chur gu Urras Shìm MhicCoinnich.) Faodar tabhartasan a chur gu: Urras Shìm MhicCoinnich, Banca Rìoghail na h-Alba, Stockbridge, Dùn Èideann Àireamh cunntais : 00238392,Còd Seòrsachaidh: 832002

Thuirt Calum Mac ill Eain, Stiùiriche Pròiseact nan Ealan: " B’ e neach-ealain tàlantach agus Gàidheal dìoghrasach a bh’ ann an Sìm mus do dh’fhàs a’ Ghàidhlig ‘fasanta no buannachdail '. Bha na chuir e a-steach dha chànan agus dha dhualchas dha-rìribh sònraichte agus thug e buaidh air beatha mhìltean. Bha Sìm a cheart cho co-fhurtail ann an saoghal sòghalta nan ealan clasaigeach agus na cuirme-cluiche ‘s a bha e ann an Talla an Tairbeirt no aig Geamannan Bharraigh agus bha an aon dealas aige airson dràma coimhearsnachd, gluasad nam Fèisean, obair nan sgoiltean agus dràma òigridh ‘s a bh’ aige dha a dhreuchdan rionnagach ann am filmean is telebhisean agus air an àrd-ùrlar eadar-nàiseanta.

Bha sinn ag obair còmhla airson 25 bliadhna air taisbeanaidhean is pròiseactan ioma-sheòrsach – bho dràma òigridh Lìonacleit gu Opara Hiort – agus tha Pròiseact Nan Ealan gu mòr fo fhiachaibh dha airson na cruthachalachd, na proifeiseantachd, an àbhachdas agus na daonnachd a thug e dhan uile nì a rinn sinn. ‘S e moladh beag dha deagh charaid is fìor Ghàidheal a th’ ann an oidhche Shìm aig Eden Court. Thèid an toradh uile a-steach dhan dìleab aige le bhith ag àrach tàlant ùr Gàidhlig san àm ri teachd.

Thuirt Rosemary Ward, a th’ ann an dreuchd an Àrd Oifigeir aig Bòrd na Gàidhlig: “Tha uaill air a’ Bhòrd a bhith a’ cur taic ris a’ chomharrachadh chudromach seo de bheatha Shìm MhicCoinnich. Chuir Sìm gu mòr ri cànan is cultar na Gàidhlig tro bheatha agus ged a thathas ga chaoidh gu mòr bidh buaidh a thabhartais ri fhaicinn airson iomadh bliadhna.
“Tha a’ Ghàidhlig a’ cur feum air daoine mar Sìm airson a dhìleab a thogail agus airson a bhith ag adhartachadh is ag ùr-ghnàthachadh a’ chànain is a’ chultair. Tha mi an dòchas gun toir an tachartas seo brosnachadh dha càch a shlighe a leantainn agus obrachadh gus fàs a thoirt air a’ Ghàidhlig dha na ginealaichean ri teachd.”

Bidh Art Carmac, Neach-cathrach Eadar-amail Bòrd na Gàidhlig agus Stiùiriche Fèisean nan Gàidheal a’ seinn air an oidhche. Thuirt e: “Tha e na onair dhomh a bhith a’ gabhail pàirt ann an consairt airson beatha is euchdan Shìm MhicCoinnich a chomharrachadh. Choilean Sìm uimhir na bheatha gus na h-ealain Ghàidhlig, gu h-àraidh dràma, adhartachadh, ach b’ e deagh sheinneadair a bh’ ann fhèin, fìor fhear an taighe agus bha ùidh mhòr is tuigse aige mu na h-ealain uile. Rinn e uimhir airson a’ Ghàidhlig adhartachadh taobh a-staigh nam Fèisean, dràma coimhearsnachd, dràma proifeiseanta agus telebhisean agus dh’fhàg e dìleab ann am mòran de na cleasaichean òga a fhuair buannachd bho a sgilean sgrìobhaidh is cleasachd.”

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd Oifigear MG ALBA : “'S e fear de na gaisgich is motha ann an saoghal nan Ealain is telebhisean Gàidhlig a bha ann an Sìm agus tha e da rirbh iomchaidh gu bheilear a' stèidheachadh Urras na ainm. Tha sinn a' cur fàilte air an iomairt mar chuimhneachan air Sìm agus mar dhileab airson Gaidheal òga.”

Thuirt Eardsaidh Macilleathain, Àrd Oifigear Comunn na Gaidhlig (CnaG), “ Tha CnaG air leth toilichte taic a chur ris an tachartas seo agus cuideachadh le bhith a’ cur Urras Shìm MhicCoinnich air bhog. Bheir e cuideachadh dha daoine òga le Gàidhlig gus an sgilean ealanta a leasachadh agus thathas an dòchas, aig a’ cheann thall, gun nochd luchd-ealain de chàileachd Shìm. Choilean Sìm uimhir na bheatha agus rinn e uimhir airson brosnachadh is taic a thoirt dha daoine òga a bha an sàs anns na h-ealain agus nach eil e ach iomchaidh gun deigheadh an t-Urras seo a stèidheachadh mar chuimhneachadh air a chuid obrach. Bha Sìm na thosgaire mìorbhaileach dha cànan is cultar na Gàidhlig agus tha sinn a’ creidsinn gur e a bhith a’ togail air na bunaitean a stèidhich e an dòigh as fheàrr air aithne a thoirt dha obair. Tha sinn a’ creidsinn gun cuidich an t-Urras gu mòr le na h-amasan sin.”

Lorg

Cuir do phost-d a-steach airson na naidheachdan ur againn fhaighinn


Faigh blas dheth | Le taic bho FeedBlitz
English