Hiort: Opara Eòrpach a’ buannachadh na duais airson an Tachartais Thraidiseanta as Fheàrr

05 an t-Sultain 2008

Air 4 Sultain, chùm Ionad Saidheans Ghlaschu Cuirm Choisrigte Duaisean Thachartasan na h-Alba a chuir The Drum air chois. Am measg nan 400 dòchasach a fhritheil an tachartas bha sgioba eagraichean is cleasaichean bho Hiort: Opara Eòrpach, agus tha iad air leth toilichte innse gun robh Hiort soirbheachail san roinn airson an Tachartais Thraidiseanta as Fheàrr.

Thuirt Calum Mac Ill Eain, Stiùiriche Pròiseact nan Ealan: “ Tha sinn air leth toilichte leis an duais againn airson an Tachartais Thraidiseanta as Fheàrr. Tha e gu math airidh air agus tha e mìorbhaileach a bhith a’ faicinn Hiort shuas an siud còmhla ri tachartasan cliùiteach nàiseanta is eadar-nàiseanta leithid T in the Park agus Fèis Chiùil, Connect. Tha sinn a’ cur meal-an-naidheachd dhùrachdach air na buannaichean uile sa chiad Dhuaisean Thachartasan na h-Alba”.

Ged a rinn Hiort a’ chùis air Ha Ha Comedy Comedian of the Year agus air Farpaisean Còmhlan Pìobaireachd an t-Saoghail, gu mì-fhortanach chaill a’ phròiseact ann an Roinn nan Duaisean Ealain as Fheàrr far an do rinn Radiance 07, Fèis Sholais Eadar-nàiseanta Ghlaschu a’ chùis oirre.

Bha Calum MacAmhlaigh, a bha na chleasaiche san taisbeanadh Albannach, (Mac Talla nan Eun), agus a tha ainmeil mar phreseantair air a’ phrògram chloinne, Dè a-nis?, aig an tachartas. Thuirt e: “ Bha e na fhìor thlachd dhomh a bhith an sàs sa chleasachd den phròiseict iongantaich seo agus fuirichidh na dh’fhoghlaim mi air Hiort agus ann an Steòrnabhagh nam chuimhne gu bràth. Cha mhòr gun robh mi ga chreidsinn nuair a chuala mi ar n-ainm ga ghairm mar na buannaichean oir bha sinn a’ farpais ri Còmhlan Pìobaireachd Cliùiteach an t-Saoghail. Bha mi, agus tha mi fhathast, air leth moiteil às na h-uile a bha an sàs sa phròiseict seo agus tha mi an dòchas gum faic sinn tuilleadh dhe Hiort: Opara Eòrpach."

Thug tachartas soirbheachail na h-oidhche ri chèile gach roinn den ghnìomhachas; adhartaichean thachartas, urrasairean thachartas, solaraichean, àiteachan, ro-innleachdairean is luchd-sanasachaidh agus thabhainn e cothrom sònraichte dha na roinnean sin uile gus cruinneachadh agus a bhith air an aithneachadh is air an duaiseachadh airson an euchdan. B’ e Spinal Chord a lìbhrig an fhèisteas agus iad a’ taisbeanadh gnàth-chùrsa lùth-chleasachd adharail mar na seallaidhean dannsa creagach a rinn an companaidh Frangach Retouramont ann am pròiseact Hiort.

Gheibhear tuilleadh mu na leasachaidhean as ùire den phròiseict air www.stkilda.eu.

Lorg

Cuir do phost-d a-steach airson na naidheachdan ur againn fhaighinn


Faigh blas dheth | Le taic bho FeedBlitz
English