Deasachadh ùr den Leabhar Mhòr ga chur air bhog ann an Dùn Èideann
25 an Lùnastal 2008
25 an Lùnastal 2008
Tha An Leabhar Mòr air a dhol bho neart gu neart bho chaidh a chlò-bhualadh an toiseach ann an 2002. Tha taisbeanadh eadar-nàiseanta cuairteil de 100 obair-ealain bhon leabhar fhathast air an rathad 6 bliadhna an dèidh a' chlò-bhualaidh. An dèidh chuairt shoirbheachail ann an Èirinn a chrìochnachadh ann an 2006 -2007 tha Taisbeanadh an Leabhair Mhòir air tlachd mhòr a thoirt dha luchd-amais air feadh Chanada o chionn ghoirid agus tha e an-dràsta a' dèanamh a shlighe air cuairt fhada ann an Ameireaga a Tuath. Tha a' chuairt a' sealltainn nàdar sònraichte na pròiseict, a seasmhachd, agus a buaidh fad-ùine air luchd-amais air feadh an t-saoghail. Tha an taisbeanadh mar thràth air tadhal air còrr is 100 àite ann an 5 dùthchannan, agus air a bhith air fhaicinn le còrr is millean neach, a' gabhail a-steach tadhail gu còrr air 100 sgoil.
Thuirt Mike Russell MSP, "'Tha Riaghaltas na h-Alba air a ghealltainn Gàidhlig a bhrosnachadh ann an Alba agus thar a' chuan. Tha prògram làidir taiceil againn airson canan, foghlaim agus cultar na Gàidheil.
'S e pairt cudromach cultar na h-Alba a th'ann Gàidhlig san latha an diugh agus 's e seo obair aig ìre as airde san t-saoghal Gàidhlig a th'ann an leabhar seo. Tha mòran ann airson daoine co tha cleachdach Gàidhlig agus eile gun Gàidhlig idir anns an dùthaich seo agus àiteachan thall thairis.
Tha an darna foillseachadh den leabhar seo fianais air de cho soirbheachail agus measalachd tha an leabhar agus tha mi'n dochas gun nochdadh barrachd naidheachd mhath a buntainn ris An Leabhar Mòr. Tha larach-linn ur agus buth air an eadar-lìon ann cuideachd 's tha mi cinnteach gum bidh iadsan leasachadh stòrais cudromach airson luchd-cleachdaidh An Leabhar Mòr".
Thuirt Gavin Wallace, Ceannard Litreachais aig Comhairle Ealain na h-Alba, ''Aon den obair-ealain cho-aimsireil as fheàrr nar latha, tha Leabhar Mòr na Gàidhlig air a thighinn gu bhith, an dà chuid, na shoitheach is na ìomhaigh airson buaidh sheasmhach dhomhainn Gàidhealtachdan na h-Alba is na h-Èireann - agus airson buaidh am briathran is am mac-meanmna shònraichte ach co-cheangailte -air an t-saoghal. Tàlaidhidh, gun teagamh sam bith, ath-fhoillseachadh an t-sàr iomraidh de fhaclan, sgeulachdan agus ìomhaighean dà chultair, luchd-amais nas motha aig an taigh agus gu eadar-nàiseanta.'
Thuirt Kevin Anderson, Manaidsear na Pròiseict: " 'S e an sgaoileadh tron Ghàidhealtachd is thairis oirre aon de shoirbheachaidhean mòra An Leabhair Mhòir. Ann an Alba, tha am prògram foghlaim air an leabhar a thoirt gu àiteachan mar Obar Dheathain, Siorrachd Àir, Siorrachd Lannraig agus na Crìochan, far a bheil clann air pàirt a ghabhail ann am bùthan-obrach ann an ealain a bha gu dhol à cuimhne, leithid sgrìobhadh-ealain. Tha cleachdadh nan ealan lèirsinneach sa phròiseict ga dhèanamh ruigsinneach dha Gàidheil is Goill, agus air cothrom a thoirt dha cuairt an taisbeanaidh luchd-amais nas motha a ruighinn. Tha e air a bhith iongantach a' rannsachadh cultar na Gàidhlig tron Leabhar Mhòr ann an àiteachan mar Milwaukee, far an robh an taisbeanadh air chuairt an t-seachdain a chaidh."
Chì 29mh Lùnastal foillseachadh làrach-lìn ùr is bùth air-loidhne an Leabhair Mhòir, bhom faighear an leabhar agus bathar buntainneach. Tha an làrach-lìn aig www.leabharmor.net agus tha tòrr fiosrachaidh oirre mun leabhar agus lethbhric den bhàrdachd is den ìomhaigheachd a chaidh a chleachdadh.
Thuirt Kirstie Anderson, Manaidsear Leasachaidh Luchd-amais nan Ealan Gàidhlig: "Ged a tha An Leabhar Mòr ag èirigh à co-eachdraidh is co-dhualchas cultar Gàidhlig Èirinn is Alba, tha beachdan adhartach is obrachadh le na meadhanan ùra air a bhith faisg air cridhe na pròiseict bho thus. Tha an làrach-lìn ùr mar cheum eile air an t-slighe seo a thòisich leis an taisbeanadh ga shruthadh beò air an Eadar-lìon, a' ceangal 8 gailearaidhean bho Innse Gall gu fìor cheann an iar-dheas Èirinn. A thuilleadh air a bhith na dachaigh dha obair iomlan an Leabhair Mhòir, tha an làrach-lìn ùr a' toirt cothrom air dòighean eile airson a dhol an sàs anns a' phròiseict iongantaich seo."
A thuilleadh air an leabhar, làrach-lìn is an taisbeanadh, tha An Leabhar Mòr air aithriseachd TBh a ghineadh (Is Mise an Teanga), sreath de phrògraman rèidio bhon BhBC agus pasgan sgoile. Tha CD de cheòl, An Leabhar Mòr - Na-h-Òrain air fhoillseachadh cuideachd le Mairead Stiùbhart, Art Carmac agus Iseabal NicAsgaill, agus feadhainn eile, a' seinn air. Gheibhear na stuthan sin cuideachd bhon làraich-lìn.