Leabhar Mor - Fèis Ealain Ghàidhlig
10 an t-Ògmhios 2008
10 an t-Ògmhios 2008
Tha an taisbeanadh cuairteil seo de dh’ealain cho-aimsireil a’ toirt obair còrr air 200 bàrd, luchd nan ealan lèirsinneach is sgrìobhaidh à Èirinn is Alba, cruinn còmhla agus bidh seo air fhoillseachadh ann an Gailearaidh Ealain Colaiste Sir Wilfred Grenfell bhon Ògmhios gun t-Sultain 2008.
“Tha sinn airson rannsachadh a dhèanamh air na co-dhualchasan eadar an Talamh Ùr is Labrador agus cultaran Gàidhlig na h-Èireann is na h-Alba, agus a’ toirt cuireadh dhan t-sluagh roinn a dhèanamh leinn aig an àm chudromach is eachdraidheil seo,” thuirt an t-Oll. Holly Pike, a tha an-dràsta an dreuchd a’ cheannaird ann an Colaiste Grenfell. “Tha sinn gu sònraichte toilichte gur e Colaiste Grenfell a’ chiad àite-tadhail air a’ chuairt seo den Leabhar Mhòr gu Ameireaga a Tuath.”
Tour dates