Leabhar 's Craic
08 an Cèitean 2008
08 an Cèitean 2008
Centre for Contemporary Arts, 350 Sràid Sauchiehall, 0141 352 4900
Air Disathairne 24mh Cèitean, bidh Ceòl ’s Craic (club oidhche Gàidhlig Ghlaschu) a’ comharrachadh àirdean cruthachail litreachas na Gàidhlig, agus tàlant ar bàird, sgrìobhadairean nobhailean is sgeulachdan goirid Gàidhlig. Nam measg, tha Ceol ‘s Craic fìor thoilichte innse gum bi na sgrìobhadairean is na bàird a leanas an làthair: Anna Frater, Rody Gorman, Griogair Labhraidh, Màrtainn Mac an t-Saoir, Fionnlagh MacLeòid, Aonghas MacNeacail, agus Tormod MacGill-Eain. A’ leantainn len dealais airson obrachadh tro chruthan-ealain Gàidhlig, tha Culture & Sport Glasgow a’ cur an tachartais litreachail ùr Ghàidhlig seo– Leabhar ‘s Craic, air chois, a’ chiad fhèis litreachail Ghàidhlig, ann an com-pàirt le Comhairle nan Leabhraichean, is iad ag amas air an tachartas dearbhaidh seo a leasachadh gu bhith na thachartas stèidhte ann an cùisean nan ealan Gàidhlig sa bhaile.
‘S e fèis litreachail fad-latha dhan teaghlach uile a bhios ann an Leabhar ‘s Craic, aig dachaigh àbhaisteach Ceòl ‘s Craic’s, Centre for Contemporary Arts (CCA). Faodaidh clann bùthan-obrach ann an aithris sgeulachdan is ealain a fhrithealadh, fhad ‘s a bhios inbhich a’ gabhail pàirt ann an clasaichean airson sgrìobhadh cruthachail is bàrdachd, beachdachadh phannail air Boireannaich ann an litreachas na Gàidhlig, ro foillseachadh leabhar ùr Fhionnlaigh MhicLeòid is dìnnear buffet.
Tòisichidh an club oidhche Gàidhlig, Ceòl ‘s Craic, mar as àbhaist aig 8f ach le blas làidir litreachail air a’ mhìos seo agus le mòran de sgrìobhadairean tachartas an latha. Gun teagamh ‘s iongantach mur e an taisbeanadh ciùil de eadar-theangachaidhean Rody Gorman air obair Dylan prìomh thachartas na h-oidhche. O chionn ghoirid chuir Rody iongnadh is thug e tlachd do fhacal na Gàidhlig le eadar-theangachaidhean de dh’òrain Bob Dylan leithid Knocking on Heaven’s Door, Carina Carina agus All along the watchtower is mòran eile. Bidh e a’ taisbeanadh cuid de bhàrdachd Dylan agus bidh còmhlan à Glaschu a’ seinn is a’ taisbeanadh nan òran sa Ghàidhlig.
Còmhla ri Gorman agus bàird Ceòl 's Craic tha grunn luchd-ciùil leithid Griogar Labhraidh air a bheil fèill mhòr . ‘S e seinneadair traidiseanta, pìobaire is sgrìobhadair ciùil airson na pìoba is sgrìobhadair òrain/bàrdachd a th’ ann an Griogar agus tha dualchas pìobaireachd taobh Siar na Gàidhealtachd air a bhith san teaghlach aige airson iomadh linn.
Gheibhear tiocaidean bho CCA aig prìs £12.50 airson latha slàn, a’ gabhail a-steach bùthan-obrach, taisbeanaidhean oidhche agus blasad-bidhe. Tha lasachaidhean rim faighinn cuideachd mar thiocaidean fa leth airson prògram an latha is na h-oidhche. Fòn gu 0141 352 4900 no rach gu myspace airson tuilleadh fiosrachaidh.