Tabhartas Sònraichte dha fo-sgrìobhaichean ùra
01 an t-Samhain 2007
01 an t-Samhain 2007
Mur eil thu air liosta postachd nan ealan Gàidhlig, seo an t-àm gus rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn agus d’ ainm a chur rithe! Tha an liosta a’ toirt na naidheachd as ùire mu na h-ealain Ghàidhlig dìreach a-steach dhan bhogsa agad ann an litir mhìosail-d! Bidh agallamhan, co-fharpaisean, tabhartasan sònraichte, na tha dol agus lèirmheasan innte. A thuilleadh air sin faodaidh tu soidhneadh airson cluinntinn bho bhuidhnean eile leithid Fèisean nan Gàidheal, Colmcille, agus An Lòchran.
Ma bheir thu fo-sgrìobhadh a-mach ro dheireadh na Samhna thèid d’ ainm a chur a-steach do chrann duaise airson fo-sgrìobhadh bliadhna fhaighinn de iris a thaghas tu fhèin.... A thuilleadh air an litir-naidheachd mhìosail bidh am buannaiche soirbheachail a’ faighinn a roghainn fhèin de dh’iris gach mìos.