SEACHD!

04 an Dàmhair 2007

Chan eil BAFTA (Acadamaidh Film na RA) air film sam bith ann an cànanan a bharrachd air Beurla a chur air adhart airson roinn Best Foreign Language Film aig Oscaran na h-ath-bhliadhna – a’ gabhail a-steach Seachd.

THA RUDEIGIN AS URRAINN DHUIBH A DHÈANAMH, GU H-ÀRAIDH AN FHEADHAINN AGAIBH A THA BHO TAOBH A-MUIGH NA RA...

De na 18 dùthchannan air taobh Siar na h-Eòrpa a fhuair cuireadh bhon Acadamaidh airson filmean neo-Bheurla a chur a-steach airson nan Oscar, b’ i an RA an aon dùthaich nach do rinn sin.

Tha co-dhùnadh BAFTA gun chiall agus ‘s cinnteach nach deach a ruighinn air “càileachd” an fhilm, a rèir nan lèirmheasan làidir a fhuair sinn mar a leanas: ("excellent" The Sunday Times, "breathtaking" BBC, "tender, graceful…gorgeously-realised" The Herald, "worth shouting about" The Scotsman, "dramatic, funny and spectacular" The List, agus "an astonishing production" Eye For Film). Agus ‘s cinnteach nach biodh iad air na filmean uabhasach Beurla bho bhliadhnaichean o chionn ghoirid, a chur air adhart nam b’ ann ri càileachd a bhathar a’ coimhead?

‘S e stèidheachd airson filmean Breatannach adhartachadh a th’ ann am
BAFTA – ann an cànan sam bith – agus tha an co-dhùnadh aca a’ tighinn gu math faisg air bacadh agus bidh e a’ ciallachadh – aig a’ cheann thall- gum bi nas lugha de dhaoine comasach air an fhilm fhaicinn gu h-eadar-nàiseanta san RA.

GHEIBH SIBH AIR CUIDEACHADH LE SEO ATHARRACHADH...

Tha sinn air taic mhòr fhaighinn airson an co-dhùnadh aca atharrachadh, taobh a-staigh gnìomhachas an fhilme san RA, agus cuideachd bhon Acadamaidh a th’ air sgrìobhadh gu BAFTA a dh’iarraidh mìneachadh. Agus tha sinn dìreach air cluinntinn gu bheil a’ chùis seo air a’ chlàr-gnothaich a thèid a dheasbaid ann am Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin na seachdain-sa.

SEO NA DH’FHAODAS SIBH A DHÈANAMH AIRSON CUIDEACHADH...

’S i Finola Dwyer neach-cathrach comataidh BAFTA nach do chuir filmean neo-Bheurla Breatannach air adhart. Seo an seòladh-dealain aice: finola@finoladwyerproductions.co.uk

’S i Amanda Berry Àrd Cheannard BAFTA. Seo an seòladh-dealain aice: amandab@bafta.org

Tha sinn airson gun sgrìobh sibh air post-d gu Finola agus Amands gus innse dhaibh NUR BRIATHRAN FHÈIN ur beachd air co-dhùnadh BAFTA gun filmean neo-Bheurla Breatannach a chur air adhart airson duaisean Oscar.

Tha mi air mòran fiosan-d fhaighinn a’ faighneachd cuin a bhios am film ri fhaicinn ann an Ameireaga, Canada, san Roinn Eòrpa, Astràilia agus air feadh an t-saoghail. Ma thèid agaibh air fiosan-d a chur, bidh cothrom nas fheàrr againn faighinn thugaibh!

MORAN TAING AIRSON UR CUIDEACHAIDH !

Sgioba is cleasaichean Seachd: The Inaccessible Pinnacle

Lorg

Cuir do phost-d a-steach airson na naidheachdan ur againn fhaighinn


Faigh blas dheth | Le taic bho FeedBlitz
English