Fèin-fhiosraich an t-eilean aig iomall an t-saoghail!

17 an Cèitean 2007

Fèin-fhiosraich an t-eilean aig iomall an t-saoghail!


Ticiadean
Chaidh tiocaidean airson taisbeanadh Albannach Hiort- Opara Eòrpach air adhart airson an reic ris an t-sluagh Dihaoine a chaidh, 11 Cèitean.
A' gabhail àite ann an Studio Alba Steòrnabhaigh air 22 is 23 Ògmhios, 's e an taisbeanadh Albannach aon a-mach à 5 a thèid fhoillseachadh mar-aon air feadh na Roinn Eòrpa anns An Ostair, A' Bheilg, An Fhraing agus sa Ghearmailt.

Bidh a' phròiseact adhartach seo a th' air a cur air dòigh le Buidheann Ghàidhlig nan Ealan, Phròiseact nan Ealan, a' cleachdadh teicneòlas saideil agus taisbeanaidhean beò gus eachdraidh is beatha nan daoine a bha a' fuireach air Hiort a chomharrachadh.

Bidh taisbeanaidhean beò anns gach ionad air beulaibh film tuainealach bhon chompanaidh- dannsa Frangach, Retouramon, a' dèanamh dannsa adharail ballet crochte bho na creagan Innse-Gallach.

Le ceòl co-aimsireil deasaichte le Jean-Paul Dessy agus Daibhidh Greumach, seinneadairean traidiseanta Gàidhlig anns gach àite, scriobt is libretto sgrìobhte le Iain Fionnlagh MacLeòid , dràma le Thierry Poquet, tabhartasan film bho Gilles Combet agus Nadege de Peganow agus stiùireadh cruthachail bho Lew Bogdan agus Calum Mac'ill-Eain, tha Hiort - no 'Mac-Talla Nan Eun', an tiotal Gàidhlig aige - na fhìor thaisbeanadh eadar-nàiseanta.

Tha coltas fìor shònraichte air an tionndadh Albannach, leis an Albannach chliùiteach, Gerry Mulgrew aig an stiùir. Tha e ag obair le còmhlan de 25 cleasaichean agus sgioba, a' gabhail a-steach Andy Thorburn mar Stiùiriche Ciùil agus Gordon Davidson ris a bheil dealbhadh an taisbeanaidh sràidearachd seo an urra.
Ticiadean

Larach-lin Hiort thebooth
myspace Hiort

Lorg

Cuir do phost-d a-steach airson na naidheachdan ur againn fhaighinn


Faigh blas dheth | Le taic bho FeedBlitz
English