Feis Glaschu

05 an Giblean 2007

An-diugh, dh’fhoillsich Fèis Ghlaschu, a th’ air a ruith leis An Lòchran – Buidheann Ealain Ghàidhlig Ghlaschu – fiosrachadh mu Fèis Ghàidhlig na Cloinne. A’ gabhail àite bho Diluain 9 Giblean gu Disathairne 14Giblean, tha an Fhèis fad seachdaineach seo –a tha na ceathramh bliadhna – a’ toirt cothrom dha daoine òga fiosrachadh fhaighinn mu ealain is cultar na Gàidhlig, tro sreath de bhùithtean-obrach spòrsail is cruthachail.

Tron t-seachdain, bidh cothrom aig clann aois 4-14, le Gàidhlig is gun Ghàidhlig, a thighinn còmhla gus tàlantan ùra a lorg ann an àrainneachd fhosgailte, chàirdeil is bhrosnachail. Bidh gnìomhan ann leithid bùthan-obrach airson Clàrsach, Fidheall is Drumaireachd, a thuilleadh air cothroman airson a bhith cruthachail le ealain, seinn, dannsa agus aithris sgeulachdan.

Tha Fèis Ghlaschu a’ cur ri Prògram nan Ealan Gàidhlig a tha a’ leudachadh is a’ leasachadh sa bhaile agus a tha a’ leantainn ag adhartachadh ionannachd ath-bheothachail Ghàidhlig sa bhaile. San t-Samhain 2005,chuir Comhairle Baile Ghlaschu ciad Phrògram trì bliadhnail Ealain Ghàidhlig a’ Bhaile air bhog agus san Lùnastal 2006 dh’fhosgail Àrd Sgoil ùr Ghàidhlig Ghlaschu – a’ chiad tè de seòrsa a-riamh – a dorsan dha sgoilearan.

Thuirt Rona NicDhòmhnaill, Oifigear nan Ealan Gàidhlig aig Comhairle Baile Ghlaschu: ‘ Tha e cudromach gun toir sinn do dhaoine òga (is don caraidean gun Ghàidhlig) àrainneachd spòrsail, taobh a-muigh foghlaim foirmeil Gàidhlig, a tha a’ cuimseachadh air an càil co-cheangailte ri ceòl is cruthachadh a leasachadh. ‘S e Fèis Ghlaschu an àrainneachd sin agus tha i a’ fàs bliadhna an dèidh bliadhna – an-uiridh bha 77 duine-cloinne againn agus am-bliadhna tha (nuair a chunnt sinn mu dheireadh!) 92 againn – agus mòran eile a’ tadhal airson seiseanan neo-fhoirmeil ann an Tai Kae-kwan Do, camanachd is fighe!!’

Tha an CCA a’ toirt àrainneachd ‘cool’ dhan chloinn – taobh a-staigh deagh thogalaich deilbhte, le cultar cafaidh soirbheachail agus cuairtichte le sàr thaisbeanaidhean far am faod pàrantan coinneachadh; tha e a’ suidheachadh nan ealan Gàidhlig ann an àrainneachd cho-aimsireil. Thuirt com-pàirtichean is luchd-gleidhidh Fèis Ghlaschu 2006:

‘ B’ e deagh chothrom a bh’ ann measgachadh le clann eile agus pàirt a ghabhail ann an tachartas leithid seo agus mealtainn a’ chothroim air Gàidhlig a chleachdadh le ceòl is na h-ealain. Tha e air barrachd misneachaidh a thoirt dham phàiste.’

‘Bha an Fhèis mìorbhaileach! Tha mi airson pòg a thoirt dhan Fhèis.’

‘Tha i air còrdadh gu mòr ris an nighinn agam agus chan eil i a’ sgur a bhruidhinn mun latha aice bhon àm a thèid mi ga togail gun tèid i a chadal. Chòrd na sgilean ùr ciùil a thog i gu sònraichte rithe.’

Am-bliadhna tha Fèis Ghlaschu a’ fosgladh a dorsan dha fèis eile –Fèis Ghàidhlig nan Sgeulachd, a tha Pròiseact nan Sgeulachd a’ cumail ann an Leòdhas bho 25 – 28 Giblean. Mar phàirt de leasachadh luchd-amais bidh sgàthlann sgeulachd aig Fèis Ghlaschu airson cothrom a thoirt do luchd-com-pàirt èisteachd ri sgeulachdan bhon fhèis agus na sgeulachdan aca fhèin a chur a-steach gu tasglann sgeulachd air-loidhne. Bidh sgeulaichean cuideachd a’ cumail bùithtean-obrach aig an Fhèis.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, dealbhan is agallamhan ann an Gàidhlig is am Beurla cuiribh fios gu: Rona NicDhòmhnaill, Oifigear nan Ealan Gàidhlig, Comhairle Baile Ghlaschu air 0141 287 8915 rona.macdonald@cls.glasgow.gov.uk

Feis Glaschu

Lorg

Cuir do phost-d a-steach airson na naidheachdan ur againn fhaighinn


Faigh blas dheth | Le taic bho FeedBlitz
English