Fiosrachadh Hiort sa Bhruiseal
19 am Màrt 2007
19 am Màrt 2007
Nach sinn a rinn math!! Bha am Foillseachadh sa Bhruiseal air leth soirbheachail agus tha sinn gu mòr an comain Dhòmhnaill Iain MhicAonghais (Scotland Europa) agus a sgioba, gach neach a bha a làthair aig an fhoillseachadh, luchd-naidheachd agus nam meadhanan airson ùidh sa phròiseact air èirigh tron Roinn Eòrpa. Bha, mar a bhiodh dùil, barrachd ùidh ann an taobhan sònraichte den phròiseact (m.e. ìomhaigh Hiort, seallaidhean den dannsa, an t-Opara mar thaisbeanadh Gàidhlig). Ach, bha sinn cuideachd air ar glacadh le cho mòr ‘s a bha fèin-fhiosrachaidh nan Hiortach a thaobh eilthireachd cho coltach ri faireachdainnean dhaoine san latha an- diugh, ann an coimhearsnachdan a tha a’ strì ri thighinn beò agus ri an chomasachd chultarach, shòisealta is eaconamach a ghleidheadh.
Tha an àireamh a th’air fios a chur thugainn mar thràth a dh’iarraidh fiosrachadh a bharrachd agus tiocaidean a ghleidheadh, air fìor thoileachas a thoirt dhuinn cuideachd. Chan eil tiocaidean gan reic fhathast ach bu choir dha neach sam bith a tha airson ùidh a shealltainn a dhol gu làrach-lìn Hiort. Fagaibh fiosrachadh mu ur deidhinn fhèin an sin agus gheibh sinn air ais thugaibh nuair a tha tiocaidean rim faighinn. Cùmaibh ur sùil air seo cuideachd airson fiosrachadh mu thachartasan a tha a’ gabhail àite suas gu, is mu thimcheall làithean an taisbeanaidh air 22 is 23 Ògmhios.