Mach 10
20 an Gearran 2007
20 an Gearran 2007
Tha na cuibhlichean a’ dol agus Mach Ann an Deich, no Mach 10, a’ dol na dheann gu oidhche an fhosglaidh. Tha fèis neo-fharpaiseach 2 latha An Lanntair de Dhràma Ghoirid maoinichte le Leasachadh Ro-innleachdail nan Ealan Gàidhlig (GASD) agus bidh i a’ gabhail àite bho 12 – 17 Màrt. ‘S e taghadh de dhealbh-chluichean goirid Gàidhlig a chaidh a chur a-steach dhan Lanntair aig àm na Nollaige bho sgrìobhadairean neo-dhreuchdail is proifeiseanta, a th’ anns a’ phrìomh thachartas. Tha a-nise an t-àm ann airson tòiseachadh air an obair chruaidh agus na dràmadaichean a’ dol air adhart le suidheachadh dhreuchdan, stiùireadh agus a’ ruith thairis air an seudan dràmatach.
‘S e aon de dh’amasan na pròiseict barrachd dhaoine a bhrosnachadh airson a dhol an sàs ann an dràma Ghàidhlig – a’ gabhail a-steach sgrìobhadairean, cleasaichean is luchd-èisteachd. Tha An Lanntair a’ foillseachadh nan diamhaireachdan a tha dol air cùl chùisean, le bhith a’ dèanamh aithris air na modhan-obrachaidh a’ tighinn suas gun taisbeanadh deireannach. Chaidh coimisean a thoirt dha Daibhidh Martin, aon de na sgrìobhadairean-dràma ùr, airson blog-là a sgrìobhadh mu shuidheachadh dhreuchd, mun ruith thairis is mun ullachadh cluiche a tha cudromach ann an taisbeanadh sam bith. Bidh e a’ dèanamh seo tro Myspace – an làrach-lìonraidh eadar-obrachail shòisealta.
Bidh blogs Dhaibhidh air Myspace Mach 10 agus seallaidh iad mar a ghluaiseas dealbh-chluich bhon phàipear gun stèids. Thathas an dòchas gum bi ùidh aig luchd-èisteachd ùr anns an taobh chùil seo, gu h-àraidh aig an fheadhainn bu mhiann a dhol an sàs ann an dràma Ghàidhlig san àm ri teachd. Bidh an làrach dà-chànanach ach bidh dealbhan is criomagan bhidio oirre cuideachd. Tha Daibhidh an-dràsta na sgrìobhadair-còmhnaidh aig An Lanntair, maoinichte le GASD. Tha e a’ dèanamh a chòmhnaidheachd ann an sgoil Sir E Scott sna Hearadh, ag obair le na sgoilearan fhad ‘s a tha iad a’ sgrìobhadh is a’ taisbeanadh an dealbh-chluich fhèin airson na fèise – The Hearach Factor – stèidhichte air X Factor an TBh. Tha Daibhidh cuideachd air a dhealbh-chluich fhèin a chur a-steach –anns am bi a’ phrìomh phàirt aig Donna Mhoireadan agus leis a’ chiad nochdadh mar chleasaiche bho Niall Iain Dòmhnallach, preasantair Rapail.
Bheir na blogs seallaidhean luachmhor a-steach a shaoghal na cleasachd, agus, gàire no dhà, cuideachd, thathar an dòchas. Mar a tha an fhèis fhèin a’ tighinn nas fhaisge thoiribh sùil air Myspace airson farpaisean is tairgsean sònraichte. Airson na fiosan as ùire fhaighinn, rachaibh gu http://www.myspace.com/lanntair, far am faigh daoine air a’ bhlog-là a leughadh is ìomhaighean is bhidiothan fhaicinn eadhon ged nach biodh iad clàraichte aig Myspace. Airson an fheadhainn a tha clàraichte aig Myspace, cuiribh Mach 10 a-steach mar charaid agus fo-sgrìobhaibh gun bhlog gus nach caill sibh càil!
Airson tuilleadh fiosrachaidh rachaibh gu http://www.myspace.com/lanntair no cuiribh fios gu An Lanntair air 01851 703307.
Bidh Mach ann an Deich a’ dol bho 12 – 17 Màrt. Tha tiocaidean rim faighinn bhon Lanntair agus bho www.thebooth.co.uk.