Julie Fowlis @ Ceol 's Craic

16 an Gearran 2007

Tha An Lòchran air leth toilichte gum bi Julie Fowlis a’ foillseachadh an dara clàir aice,“cuilidh” ris an robhar a’ feitheamh cho fada, aig Ceòl 's Craic, an club Gàidhlig mìosail, anns an CCA (Ionad airson nan Ealan Co-aimsireil). Gabhaidh seo àite air
Dihaoine 2 Màrt aig 8.30f (na dorsan fosgailte aig 8f)
Oifis Thiocaidean 0141 352 4900

Glèidh àite tràth gus nach fhaigh thu briseadh-dùil.

A’ leantainn bho "mar a tha mo chridhe" (As My Heart Is), a’ chiad chlàr duaiseil 2005 aice, tha Julie Fowlis air ais leis a’ chlàr mhìorbhaileach "cuilidh" –ainmear Gàidhlig, a’ ciallachadh ciste-ionmhais no àite-falaich diamhair airson nithean prìseil. Mar roimhe, tha na h-òrain is na fuinn pasgte ann am beul-aithris eachdraidheil a h-eilein – Uibhist a Tuath ann an eileanan siar na h-Alba. Tha guth àlainn Julie, còmhla ri sàr sgioba – còmhla a’ cruthachadh taghadh seunta de stuth thraidiseanta a chruinnich Julie bho luchd-dualchais a sgìre. Tha CUILIDH a’ gealltainn Julie, agus an cultar Gàidhlig a tha i a’ riochdachadh, a thoirt fada thairis air cladaichean fiadhaich Innse Gall.

Mar phàirt de fhèisteas na h-oidhche bidh ro-shealladh goirid ann de Bhliadhna Julie - ro-shealladh deich mionaidean air a thoirt bho film uair a thìde mu thuras ceòlmhor Julie, a bhios air a chraoladh nas fhaide sa bhliadhna mar phrògram MACTV dha BBC Alba, Maoinichte le GMS.

Lorg

Cuir do phost-d a-steach airson na naidheachdan ur againn fhaighinn


Faigh blas dheth | Le taic bho FeedBlitz
English