Mach 10

16 an Gearran 2007

Mach 10 air myspace

Tha na cuibhlichean air an cur a dhol agus Mach Ann an Deich a’ dèanamh cabhaig a dh’ionnsaigh oidhche an fhosglaidh. 2 latha ron fhèis neo-fharpaiseach de Dhràma ghoirid Ghàidhlig bidh seachdain ann de shubhachas co-cheangailte ri dràma – a’ gabhail a-steach òraid bho Iain Moireach mu na tha air adhart dha dràma na Gàidhlig, taghadh de fhilmean goirid Gàidhlig agus tachartasan dràma dha clann bho Fèisean nan Gàidheal. (làn fhiosrachaidh ri thighinn sna seachdainean tha romhainn). ‘S e a’ phrìomh thachartas, taghadh de dhealbh-chluichean goirid Gàidhlig – a chaidh an cur a-steach gun Lanntair thar àm na Nollaige bho sgrìobhadairean neo-dhreuchdail is proifeiseanta. Ach ‘s ann a tha an obair chruaidh dìreach a’ tòiseachadh dha na dràmadaichean – tha an t-àm ann a-nise airson dreuchdan a shuidheachadh, stiùireadh agus a bhith a’ ruith thairis air an seudan dràmatach.

Ach faodaidh tu an obair air fad a leantainn le blogs seachdaineach bho aon de ar sgrìobhaiche-dràma, Dave Màrtainn. Sna seachdainean tha romhainn, tha e gu bhith a’ cumail fiosrachadh rinn mu dheuchainnean is thrioblaidean na h-obrach tro bhlogs bhidio seachdaineach is leabhar-là, a thuilleadh air dealbhan is seallaidhean bho cùl chùisean (a’ gabhail a-steach cuid de chiad nochdaidhean cleasachd a bhios ANABARRACH fad an cuimhne agus nach bi thu airson a chall) – cùm do shùil air myspace seo airson tuilleadh fiosrachaidh!

Lorg

Cuir do phost-d a-steach airson na naidheachdan ur againn fhaighinn


Faigh blas dheth | Le taic bho FeedBlitz
English