Chan eil "V" ann an Gaidhlig
16 am Faoilleach 2007
16 am Faoilleach 2007
Co- riochdachadh bho An Lòchran agus bho TAG Theatre Company.
PERFORMANCE DETAILS: CITIZENS’ THEATRE, CIRCLE STUDIO
Thursday 25 January 2007 @ 7.30pm
Friday 26 January 2007 @ 7.00pm Please note the earlier start time on Friday
Saturday 27 January 2007 @ 7.30pm
Box Office: 0141 429 2200
Book Online: www.citz.co.uk
PRICES: £12 / £5 concession
Chì am Faoilleach tuil ealainn Cheilteach agus Ghàidhlig an Glaschu aig Fèis Celtic Connections. Aig àm nuair a tha iomadach tachartas ciùil anns a’bhaile, len luchd leantainn Gàidhlig fhèin, tha TAG Theatre Companaidh agus An Lòchran (buidheann ealainn Ghàidhlig Ghlaschu) a’tabhann pìos ùr, inntinneach Theatre Gàidhlig do luchd èisteachd. Airson trì oidhche a-mhàin, bidh, “Chan eil ‘V’ ann an Gàidhlig”, san Circle Studio, san Citizens Theatre bho 25-27 am Faoilleach 2007.
A’fighe còmhla comasan proifeiseanta agus coimhearsnachd, bidh “Chan eil ‘V’ ann an Gàidhlig” a’gabhail ceum ùr a chuireas an cèill guthan Bhana-Ghàidheil agus beartas is caochladh chomas nan Ealain Ghà idhlig. Taobh ri taobh ri buidheann actairean a tha air ùr thò iseachadh, bidh “Chan eil ‘V’ ann an Gàidhlig” a’cleachdadh triù ir luchd cluiche a tha fìor eòlach: Catriona Anna Nic a Phì, Caitlinn Nic Aonghais agus Maighread B! ennett. Tha na boireannaich ainmeil sin air a bhi ag obair còmhla ris an sgrìobhaiche, Seonag Monk, a tha air pìos cluiche a’sgrìobhadh, a chaidh a’chruthachadh leis a’chompanaidh agus leis An Lòchran ann an cobhuinn, agus a bhios air a stiùireadh le Guy Hollands, stiùireache ealainn an TAG. Thuirt Guy:
“Tha TAG toilichte a bhi aig cridhe na pròiseact ùr, chudtromaich seo ann an co-bhuinn ris An Lòchran. Se ceum ùr a tha seo an dà chuid do TAG agus don Citizens’ Theatre agus tha h-uile coltas gur e feasgar ait, èibhinn le guthan ùra à saoghal na Gàidhlig agus measgachadh tarruingeach de luchd-cluiche a tha air ùr thòiseachadh agus iadsan a tha fìor eoò lach a bhios ann.” (- Guy Hollands)
Tha Catriona Anna Nic a Phì ainmeil mar neach-cluiche. Tha mu 18bl on ghabh i pàirt ann an cluich mu dheireadh - nuair a bha i còmhla ri Jimmy Logan ann an Whisky Galore sa Mhitchell Theatre an Glaschu. Chaidh Caitlinn Nic Aonghais, a mheasadh mar “guth sònraichte Gàidhlig”! , ainmeachadh bho chionn ghoirid mar Sheinneadair Gàidhlig na Bliadhna ann an Duaisean Mith-Che òl na h-Alba. Tha i cuideachd air obrachadh mar actair is mar chraoladair air T Bh, agus leis a’chompanaidh theatre, Tosg. Tha Maighread Bennett, seinneadair, sgrìobhaiche, agus sgeulaiche, cuideachd air a h-aithneachadh mar fhìor eòlaiche air beul-aithris na h-Alba.
Tha TAG agus An Lòchran cuideachd air mnathan òga 16-25bl a thoirt cò mhla ann an sreath de bhùthan-obrach tron fhoghar, air an stiùireadh leis a’neach dràma proifeiseanta, Elly Goodman, agus an sgrìobhadair Gàidhlig, Catriona Lexy Chaimbeul. Se toradh na h-obrach seo, grunn mhonologan, inntinneach, annasach, a’ chuireas na boireannaich òga sin an cèill. Chìthear na monologan aig an aon àm ris an dealbh chluich phriofeiseanta sa Citizens’.
Brosnaichidh an co-riochdachadh seo bho TAG agus An Lòchran, a chaidh a choimeas ri Vagina Monologues Ghàidhlig, còmhradh às ùr eadar bhoireannach mun àite air àrd-ùrlar.
Bidh an riochdachaidh air fad na chothrom sònraicht! e do luchd na Gà idhlig, agus do luchd na Beurla, sealladh fhaighinhn air cultur is meadhanan cruthachail Gàidhlig is gam faicinn a’ soirbheachadh ann am baile mòr Ghlaschu. Bidh na taisbeanaidhean ann an Gàidhlig le beagan Beurla. Tha am feasgar air a chuir air dòigh airson toileachadh a h-uile duine.
Ar rèir Oifigear Ealainn Ghàidhlig an Lòchrain agus Comhairle Bhaile Ghlaschu, Ròna Nic Dhòmhnaill: “Tha a’phròiseact seo a’sealltainn gu bheil an Lòchran a’ leantainn air deanamh cheanglaichean buntainneach ri saoghal poifeiseanta nan ealan (TAG agus Theatre Nàiseanta na h-Alba) ann an Glaschu, an dà chuid a’comharrachadh dùthchas tradaiseanta agus a’ bualadh air adhart le ùr-ghnàths ioma-taobhach an latha an diugh sa bhaile-mhòr.”