Na h-Òganaich @ Celtic Connections
16 am Faoilleach 2007
16 am Faoilleach 2007
Tha An Lòchran a’ co-obrachadh le Celtic Connections gus na h-Òganaich, an còmhlan-ciùil Gàidhlig iomraiteach, a thoirt air ais a Ghlaschu airson a’ chiad turas air an àrd-urlar an sin o chionn 30 bliadhna.
CCA
350 Sraid Sauchiehall
Glaschu
26 Faoilleach, 2007
8f
Bhuannaich na h-Òganaich a’ chiad cho-fharpais ceòl-dùthchasach aig a’ Mhòd ann an 1971 agus an uair sin ann an 1972 fhuair iad a’ chiad àite sa’ cho-fharpais òrain, Celtavision, ann an Cill Airne rè na seachdaine Pan-Cheiltich. Thar nam bliadhnaichean, thug iad beatha ùr do cheòl Gàidhlig leis a’ cho-sheirm trì-phàirteach aca agus tha iad gu sònraichte air aithneachadh airson an dreach ciùil ùr a chuir iad air bàrdachd Mhurchaidh Mhic a’ Pharlain, am bàrd cliùiteach à Mealabost. Beag air bheag, sgaoil a’ chliù aca fhèin air feadh nan dùthchannan Ceiltich, Eòrpa, Canada agus na Stàitean Aonaichte, gus an do choisinn iad meas sònraichte dhaibh fhèin ann an saoghal ceòl na Gàidhlig. Tha e air aithneachadh gum b’e iadsan is coireach, gu ìre mhòr, gun do thòisich òigridh a’ gabhail ùidh a-rithist ann an ceòl Gàidhlig. Thug an ceòl aca buaidh mhòr air luchd-ciùil a thàinig as an dèidh, nam measg, an còmhlan Capercaillie.
Sgaoil na h-Òganaich ann an 1976, ged a shoirbhich leotha uile anns na dreuchdan pearsanta mar luchd-ciùil agus ann an craoladh. Ach chan eil an luchd-leantainn aca air na h-Òganaich a dhì-chuimhneachadh. Bheir an tachartas seo aig Ceòl ‘s Craic an ceòl aig na h-Òganaich gu aire ghinealach ùr, ach cuideachd, bheir e toileachas mòr dhuinne, aig a bheil cuimhne fhathast orra bhon chiad uair a nochd iad air an àrd-urlar. Chan eil fhios am bi sgeul air a' mhini-sgiort aig Mairead an turas seo.
Bidh àiteachan-suidhe ri fhaighinn aig a’ chonsairt ach ‘s e beagan. Ma tha thu airson suidheachan fhaighinn dèan cinnteach gu nochd thu tràth. Bidh sinn a’ toirt prìomhachas a thaobh àite-suidhe dha seann dhaoine is dha daoine nach urrainn seasamh airson ùine fhada gus am bi ar luchd-èisteachd cho cofhurtail ‘s a ghabhas. Ma thèid agad air seasamh gu cofhurtail, dèan sin gus am bi na ghabhas de shuidheachain ri fhaighinn. Tha sinn an dùil gur e oidhche thrang a bhios ann agus mar sin glèidh tiocaid ro làimh agus nochd tràth.