Ceol 's Craic
07 an t-Samhain 2006
07 an t-Samhain 2006
11mh Samhain (deit ur)
8:00f aig a' CCA
350 Sràid Sauchiehall
£6 (£5 do bhuidhnean de dheichnear co-dhiubh)
Tiocaidean 0141 352 4900
Tha sinn a-nis suidhichte is seasgair sa CCA agus an treasa oidhche againn a' dlùthadh oirnn. Bha program air leth againn a' mhìos sa chaidh le caochladh sar chleasaichean agus luchd-ciuil. Chaidh an oidhche a chur air bhog le Bannal, a' comharrachadh a' chiad nochdadh den DVD ùr aca. B' e Màrtainn Mac an t-Saoir an ath aoigh air an ard-urlair le aithris bhon leabhar ùr bhrosnachail aige is e a' toirt ealain na Gàidhlig gu crìochan ùra leis a' chuid bhàrdachd bheòthail. Chuir sinn fàilte cuideachd air Brian Ó hEadhra airson a' chiad uair le measgachadh de cheòl a chum an luchd-eisteachd ann an deagh shunnd le ceol a bha lan faireachdainn. 'Se Iain Moireastan, an neach-ciùil cliùiteach à Bac, a chuir crìoch air an oidhche le a chuid phuirt is òrain. Cuideachd bhon ard-ùrlar, chuala sinn sgeulachdan goirid is rosg bhon sgrìobhadair òg Gàidhlig, Dàibhidh Màrtainn, agus òrain traidiseanta bho sheinneadair Lochlannach, aoigh sonraichte a' thug seachad blas de cheol an dualchais aige fhein ..... 's dòcha an sgioba a b' fheàrr a bh' againn fhathast!
A' mhìos seo, bidh sàr-roghainn de dh'òrain phoileataigeach Ghàidhlig againn. Tòisichidh an oidhche le fiolm aithriseach aig 8:00f, agus an uair sin bidh sgioba air leth de luchd-ciùil agus seinneadairean ainmeil à Alba, Éirinn agus Afraga, a bheir leotha blàs bho na culturan aca fhèin.
Còmhla riutha air an ard-ùrlar, bidh còmhlan-ciùil Gàidhlig - air am bi sibh uile eolach - tuilleadh fiosrachaidh ri tighinn.