Ceangal

26 an Dàmhair 2006

Óstán an Chúirt, Gaoth Dobhair, Co. Dhún na nGall

23mh – 25mh Samhain 2006

Cìs Clàraidh €25 / £15 a’ gabhail a-steach grèim lòin gach latha.

‘S e com-pàirteachas a chaidh a chruthachadh o chionn ghoirid, eadar Ealaín na Gaeltachta, Pròiseact Nan Ealan ann an Alba agus Theatr Felinfach sa Chuimrigh, a th’ ann an Celtic Neighbours. Air a stiùireadh le Ealain Saor-Thoileach na Cuimrigh agus le taic bho Coimisean Dùthchail Charnegie, tha e ag amas air buidhnean ealain is cultarach a thoirt còmhla bhon Ghaeltacht, roinnean Gàidhlig na h-Alba agus coimhearsnachdan Cuimris sa Chuimrigh.

‘Ceangal’

Taisbeanaidh an Cruinneachadh seo bho Dùn nan Gall – ‘Ceangal’ – eisimpleirean de na tachartasan ealain is cultarach as brosnaiche a tha a’ gabhail àite ann an saoghal na Gàidhlig – an dà chuid an Èirinn is an Alba – agus ann an coimhearsnachdan Cuimris sa Chuimrigh. Tha e ag amas gu sònraichte air a bhith a’ roinn sgilean, deagh chleachdadh agus beachdan cruthachail am measg buidhnean cultarach às na trì roinnean, tro ghnìomh is deasbaireachd le cudrom sònraichte air an obair a thathar a’ coileanadh tro na cànanan dùthchasach.

Gabhaidh prìomh roinnean eile a-steach na leanas: Sgrùdadh air leasachadh co-obrachaidhean tar-nàiseanta agus tursan-iomlaideach cruthachail ùra Sgrùdadh air leasachadh luchd-èisteachd, luchd com-pàirt agus margaidean Sgrùdadh air cleachdadh ghoireasan eadar-theangachaidh mar-aon agus air mar a dh’fhaodar an leasachadh ann an dòigh nas cruthachaile Sgrùdadh air cleachdadh co-phasgain ruigsinneach de stuthan measaidh is leasachaidh

Bidh a’ cho-labhairt seo inntinneach dha luchd-ealain, buidhnean coimhearsnachd, luchd-maoineachaidh & luchd-poileasaidh.

Lorg

Cuir do phost-d a-steach airson na naidheachdan ur againn fhaighinn


Faigh blas dheth | Le taic bho FeedBlitz
English