Farpais-cheist Ghaidhlig
04 an Dàmhair 2006
04 an Dàmhair 2006
Abair spors math aig An Lanntair Oidhche–chiadain! B’e Oidhche farpais-cheist a bh’ann agus choinnich sia sgiobaidhean comhla ri cheile airson farpais math a dheanamh.
B’ e farpais-cheist tro meadhan na Gaidhlig a bh’ann agus bha gach sgioba le ceithrear ann a’ cur na h-inntinnean math aca an aghaidh a cheile. Bhon thoiseach, b’e faireachdainn chairdeil a bh’ ann agus bha a h-uile duine a’ bruidhinn ri cheile agus a’ gaireachdainn.
Rinn Kirstie Anderson bho Gaelic Arts Strategic Development (GASD) torr cheistean, bha cuid de na ceistean furasta, cuid eibhinn agus cuid doirbh! B’ e Niall-Iain Domhnallach bho program Rapal,Reidio nan Gaidheal a bha na fhear-an-taighe. Bha a h-uile duine a’ faireachdainn cairdeil agus toilichte , ach nuair a thoisich Niall-Iain a’faighneachd na ceistean, sheall a h-uile duine gu robh iad airson an sgioba aca fhein buannachadh. Chum Niall-Iain a h-uile sgioba ag obair math.
Thuirt Seamus Moireasdan bho sgioba “ Amadaich”, “Bha e na spors mhath agus bha e math buannachadh!”
Chur Kirstie agus Niall-Iain failte math air a h-uile duine. Bha luchd-ionnsachaidh agus luchd-fileanta ann cuideachd am measg a cheile. Bu choir luchd-ionnsachaidh a’ Ghaidhlig aca a leasachadh ann an doighean eibhinn air sgath ‘s gun robh a h-uile ceist air an freagairt le oidhirp an sgioba air fad.
Thainig am beachd airson farpais-cheist Ghaidhlig bhon Comhlan Comhraidh. Bidh Comhlan Comhraidh a’ cruinneachadh gach Oidhche-ciadain anns An Lanntair aig ochd uairean airson Gaidhlig a bhruidhinn mu dheidhinn iomadh cuspairean ann an doigh neo-fhoirmeil. Tha an aireamh a tha tighinn gu an Comhlan Comhraidh a’ sior fhas gach seachdainn.
Thuirt Amanda Darling bho sgioba “ An Sulaire”, “‘S e luchd-ionnsachaidh a th’annam agus bha dragh orm nach biodh mi comasach tuigsinn rud sam bith, ach bha e na spors mhath. Chord e rium gu math!”