Aithisg Chiùil Fharsaing ga Fhoillseachadh aig a’ Mhòd
18 an Dàmhair 2006
18 an Dàmhair 2006
Chaidh a ràdh mun cho-labhairt gur e “ceum air leth cudromach a bh’ ann do leasachadh ceòl Gàidhlig ann an Alba” a thug còmhla caochladh dhaoine a tha an sàs ann an ceòl Gàidhlig ann an Alba, a thuilleadh air grunn math eile dhaoine a tha a’ maoineachadh agus a’ toirt taic do cheòl Gàidhlig.
A’ mìneachadh amasan na co-labhairt san aithisg aice thuirt an Dr NicIllIosa: “B’ ann gu h-àrd-mhiannach a bha amasan Iùl Ciùil: ‘beachdan-smuain is eòlas air daoine a cho-roinn, agus a’ cuideachadh le bhith cruthachadh ro-innleachd do cheòl Gàidhlig ann an Alba airson an ama ri teachd.’; bha na cinn-uidhe gu math farsaing – ’s dòcha a dh’aona ghnothaich. Oir chan e rud aon-sheòrsach a th’ ann an ceòl Gàidhlig: tha ceòl Gàidhlig proifeiseanta ga dhèanamh is ga chluich a rèir caochladh stoidhlichean, bheachdan, cho-theacsan agus mhodhan cluich – traidiseanta, rock, leth-chlasaigeach, tuath-cheòl, fusion, chòisirean m.s.s.a, fiù ’s leis a’ chòmhlan punc à Seattle Mill a h-uile rud.”
A’ cur fàilte air an aithisg thuirt Stiùiriche Fèisean nan Gàidheal, Art MacCarmaig: “Tha rannsachadh air sealltainn gu bheil na h-ealain Ghàidhlig nam meadhan glè chudromach ann a bhith a’ tàladh dhaoine dhan chànan agus sna Fèisean, mar eisimpleir, tha sinne air faighinn a-mach gu bheil com-pàirteachadh anns na h-ealain a’ toirt spionnadh do dhaoine a’ Ghàidhlig ionnsachadh. Mar sin, tha sinne a’ cur fàilte air an aithisg bho Iùl Cìuil a chaidh a sgrìobhadh le Anna Latharna NicIllIosa, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair an lùib GASD airson ro-innleachd nan Ealain Gàidhlig a chur ri chèile, agus cuid de na molaidhean a th’ anns an aithisg a chur an gnìomh.”
Tha an aithisg aig an Dr NicIllIosa a’ cur an cèill grunn dhùbhlain a chaidh aontachadh aig a’ cho-labhairt agus a thathar dhen bheachd a tha deatamach do shoirbheas ceòl Gàidhlig san àm ri teachd. Am measg nan dùbhlan tha: bu chòir tàlantan ùra Gàidhlig a bhith air am brosnachadh, agus bu chòir ceòl Gàidhlig ùr a sgrìobadh agus a phiobrachadh; bu chòir an cothrom a bhith aig luchd-ciùil Gàidhlig na sgilean teicnigeach, cruthachail agus gnìomhachais aca, a dh’fheumar airson cumail orra ann an dreuchd phroifeiseanta, a leudachadh; bu chòir craoladairean poblach agus companaidhean neo-eisimeileach, a tha a’ faighinn airgead poblach gus prògraman Gàidhlig a dhèanamh, dealas mòr a shealltainn a thaobh ceòl Gàidhlig agus bu chòir dhaibh làn thaic a thoirt dha a thaobh cosgaisean riochdachaidh, amannan craolaidh, sanasachd m.s.s.a.
Brath - naidheachd