Cur air bhog CD ‘an Leabhar Mòr – Na h-òrain’

19 an Dàmhair 2006

Brath- naidheachd

Thèid CD ùr de dh’òrain Ghàidhlig iomraiteach bho Èirinn is Alba a chur air bhog aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Dùn Omhain Diardaoin 19mh An Dàmhair an t-seachdain seo. ’S ann às An Leabhar Mhòr, am foillseachadh ealain air leth soirbheachail, a thàinig na h-òrain agus iad air an seinn le cuid de na seinneadairean Gàidhlig as fheàrr agus as ainmeil à Èirinn is Alba.

Thèid ‘An Leabhar Mòr – Na h-Òrain’ a chur air bhog ann an Taigh-òsta Park ann an Dùn Omhainn aig 5.30f oidhche Dhiardaoin a’ Mhòid far am bi dithis sheinneadair a chluinnear air an CD, Kenna Chaimbeul is Art MacCarmaig, a’ seinn cuid de na 19 òrain bhon chlàradh. Tha gach fear de na h-òrain air an CD air an seinn le seinneadair eadar-dhealaichte agus am measg na feadhna à Alba tha Flora NicNèill, Iseabail NicAsgaill, Cairistìona Primrose, Anna Latharna NicIllIosa, Maighread Stiùbhart, Rachel Walker, Màiri Nic a’ Ghobhainn, Fionnlagh MacNèill and Donaidh Murchadh MacLeòid. Agus am measg na feadhna à Èirinn tha Nicolas Toibin, Peadar Ó Ceannabháin, Albert Fry, Gearoidin Breathnach, Roisin Elsafty, Eilis Kennedy, Aine Meirbhic and Padraighín Ní Ullacháin.

Tha an CD air fhoillseachadh le Colmcille is Pròiseact nan Ealan (PNE): na buidhnean ealain Gàidhlig a tha an sàs ann am pròiseact an Leabhair Mhòir. Thuirt Stiùiriche PNE Calum MacGillEain: “Tha cuid de na seinneadairean Gàidhlig as fheàrr à Alba is Èirinn agus air a bheil as motha spèis a’ seinn air an CD seo agus ’s iad sàr òrain uile bho dhualchas an dà dhùthcha a tha iad a’ seinn. Tha an leasachadh as ùire dhen Leabhar Mhòr a’ cur an cèill gu beòthail, tro mheadhan eile, na ceanglaichean domhainn a th’ ann eadar Gàidheil na h-Alba is na h-Èireann a thaobh an cultair is an cànain.
Brath- naidheachd

“Tha a’ bhàrdachd, obair-ealain agus snas-sgrìobhadh bho thaisbeanadh an Leabhair Mhòir agus an leabhar fhèin fhathast a’ togail ùidh sna h-ealain Ghàidhlig air feadh an t-saoghail. Tha an taisbeanadh a-nis air a bhith air chuairt fad ceithir bliadhna agus tha grunn bhliadhnaichean eile dhen chuairt air aontachadh. Chunna còrr is millean duine e bho Alba, Èirinn, an Fhraing, na Stàitean Aonaichte agus Astràilia agus chaidh an taisbeanadh a chumail ann am barrachd is 30 àite ann an Èirinn a-mhàin. Tha còrr is 100 tachartas co-cheangailte agus còrr is 100 tadhal-sgoile air a bhith ann air a sgàth, agus rinn tòrr sgoiltean an Leabhar Beag aca fhèin leis an cuid obair-ealain is am bàrdachd fhèin. Chan urrainn nach cuir an CD ris an t-soirbheas seo.”

Lorg

Cuir do phost-d a-steach airson na naidheachdan ur againn fhaighinn


Faigh blas dheth | Le taic bho FeedBlitz
English