Location Storytelling
29 an Cèitean 2006
29 an Cèitean 2006
Fios Naidheachd agus Cothrom Cleachdaidh
An Traighe Mor, Tràigh Ùig, Eilean Leòdhais Meadhan-là Diardaoin 25 Cèitean 2006
Fios-naidheachd SGEULACHDAN HI-TECH, CEARCAILL DRAOIDHEIL AGUS ÀITE
CUAIRT TRAGHAD EILEANACH, A’ CHIAD EISIMPLEIR DEN SEO SAN T-SAOGHAL
Bidh cothrom air sgeulachdan bho na làithean a chaidh seachad, air an innse ann an àrainneachd fiadhaich agus brèagha, tro mheadhan gu tur ùr ri fhaighinn air Tràigh Ùig ann an Leòdhas bhon t-samhradh seo. Faodaidh luchd-tadhail chun na Tràighe Mòire, aon de na tràighean as brèagha sna h-Eileanan an Iar, Ipaq làimhe fhaighinn sa bhùth ‘s iad fhèin a thoirt air turas a tha a’ dol air ais tro na linntean.
Faodaidh luchd-tadhail an cuairt fhèin a thaghadh agus tha global satellite positioning a’ cumail sùil air an adhartas timcheall a’ Bhàigh. Tha an t-àite air a chomharrachadh a-mach na shreath de ‘chearcaill draoidheil’ agus an uair a tha an neach-tadhail a’ dol a-steach do chearcall tha an Ipaq a’ toirt dhaibh sgeulachdan agus òrain a tha ceangailte ris an àite sin.
Tha na sgeulachdan a’ gabhail a-steach eachdraidh an àite a’ dol air ais gu linn an Iarainn le sgeulachd mu Dhùn Bhòrnais, sgeulachdan ionadail na Fèinne, Clach Choinnich Odhair, an ath bheothachadh soisgeulach san 19mh linn, a ceangal làidir a bh’ aig Ùig ri na cogaidhean Napoleonic agus sgeulachd mu lorg nam Fear Tàilisg. Tha na sgeulachdan an dà chuid sa Bheurla ‘s sa Ghàidhlig agus thathar am beachd cànain eile a thabhann san àm ri teachd. Tha na seinneadairean a’ gabhail a-steach Iseabail NicAsgaill agus Màiri Nic a’ Ghobhainn agus bheir e eadar trì ‘s a ceithir uairean a thìde a dhol tro na cearcaill air fad.
Chaidh am pròiseact seo a chruthachadh leis a’ Bhuidheann Ealain Gàidhlig, Pròiseact nan Ealan agus seo a’ chiad pròiseact de sheòrsa. Chaidh a leasachadh an com-pàirt ri luchd-rannsachaidh Ameireaganach Alison Wood agus Breandan Donavan bho Media Lab Europe aig MIT agus tha e mar-thà a’ tarraing ùidh eadar-nàiseanta.
Thèid na Ipaqs a thoirt mar thiodhlac do choimhearsnachd Ùig aig seirbheis taisbeanaidh/cothrom cleachdaidh aig 12f air Diardaoin, 25 Cèitean. Tha Ùig air Taobh Siar Eilean Leòdhais, 30 mìle à Steòrnabhagh agus bidh còmhdhail ri fhaighinn tro Phròiseact nan Ealan.
Thuirt Cathraiche Iomairt na Gaidhealtachd ‘s nan Eilean, Uilleam Roe: “‘S e goireas mìorbhaileach a tha seo agus bidh e na thlachd do gach aois a chleachdadh. ’S e eisimpleir sàr mhath a tha seo de mheasgachadh den teicneolas as ùire, dualchas an àite is an cruth tìre airson eòlas fhaighinn nach tèid as do chuimhne. Chan eil teagamh sam bith agam nach bi feadhainn eile ag iarraidh a bhith a’ leantainn eisimpleir Phròiseact nan Ealan, agus gum bi an t-inneal seo am measg an fheadhainn sin a tha gluasad turasachd na Gàidhealtachd agus nan Eilean Siar gu ìre eile agus a-steach do linn shoirbheachail.
Thuirt Alec Dòmhnallach, Neach gairm Chomhairle nan Eilean Siar: “Tha na h-Eileanan an Iar pròiseil gur e seo aon de na ciad àiteachan san t-saoghal a tha a’ cleachdadh an teicneolais ùir inntinnich a tha seo. Tha na h-eileanan aithnichte gu h-eadar-nàiseanta airson ar tràighean àlainn, ar dualchas Gàidhlig agus ar beartas de sgeulachdan agus òrain. Tha am pròiseact seo a’ toirt a h-uile càil a tha sin ri chèile ann an dòigh ùr adhartach agus tha seo a’ sònrachadh gu bheil sinn airson taic a thoirt do rannsachadh, ùr-gnàthachadh agus beachdan ùra.
Thuirt Stiùiriche PNE, Calum MacIlleathain: “Tha cruth tire nan Eilean Siar beairteach a thaobh sgeulachdan agus òrain a tha a’ falbh luath à cuimhne nan daoine. Tha am meadhan ùr seo a’ toirt cothrom dhuinn ceangal a dhèanamh a-rithist leis a’ chultar agus an cruth tìre agus na sgeulachdan seo a chluinntinn anns an dearbh àite san do ghabh na tachartasan àite. Tha e a’ fosgladh an àirde dhòighean ùra a bhith a’ faighinn tlachd às a’ chruth tìre, sgeulachdan agus an eachdraidh ann an àiteachan iomallach, ach aig a bheil seallaidhean àlainn, mar sgìre Ùig. Tha sinn misneachail gun toir e buaidh air daoine le cho iongantach ’s a tha an turas a tha seo.”
Tha na sgeulachdan air an innse leis an sgeulaiche ainmeil an t-Oll Fionnlagh MacLeòid a thuirt: “Tha na sgeulachdan ag innse mu àiteachan sònraichte, ach ’s e tha ùr mu dheidhinn a’ phròiseict a tha seo gu bheil e a’ toirt cothrom dhan neach a tha ag èisteachd ris an sgeulachd a cluinntinn, fhad ’s a tha e no i na sheasamh no a’ coiseachd, san àite sa bheil an sgeulachd suidhichte.”
Thuirt an Neach Measaidh, An t-Oll Niall Fionnlasdan: “Tha am pròiseact a’ sealltainn gur e buidheann uabhasach adhartach a th’ ann am PNE a tha deònach iad fhèin a chur ann an cunnart, a’ gluasad nan ealain Ghàidhlig gu àiteachan ùra agus inntinneach agus a’ toirt seachad eisimpleir eileanach de rannsachadh a tha a’ dol thar chrìochan. Bu chòir meala naidheachd a chur air an luchd-maoineachaidh airson an cothrom seo a thoirt. ‘S iad na buidhnean maoineachaidh Leader +, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean Siar, Comhairle nan Eilean Siar agus Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.