Rannsachadh na Gàidhlig
28 an Gearran 2006
28 an Gearran 2006
Fios naidheachd
An Rannsachadh Mòr -Thoir do bheachd!
An Rannsachadh Mòr – ‘s e seo am pìos rannsachaidh as motha a chaidh a dhèanamh a riamh air ealan agus cultar san Eilean Sgitheanach agus sna h-Eileanan an Iar. Thèid na ceisteachain a lìbhrigeadh gu aon a-mach à ceithir taighean sna h-Eileanan an Iar agus san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse air no ro dheireadh sheachdain an 10mh Ògmhios, a’ toirt cothrom shònraichte do luchd-còmhnaidh am beachdan fhèin a thoirt seachad airson cumadh a thoirt air na h-ealain agus cultar san àite san àm ri teachd. Bidh an ceisteachan a’ coimhead gu sònraichte air na h-Ealain Ghàidhlig agus a’ bhuaidh a th’ aig sin air a’ Ghàidhlig, a’ ceasnachadh mu chuspairean leithid a bheil na h-Ealain Ghàidhlig deatamach airson ar cultar a chumail beò, a bheil iad a’ brosnachadh an òigridh a bhith ag ionnsachadh a’ chànain agus a bhith ag obair agus a’ fuireach aig an taigh agus a bheil iad a’ cluich pàirt ann a bhith a’ toirt taic do thurasachd ionadail.
Tha luach an sgrùdaidh suidhichte air meud an rannsachaidh ‘s an taghadh de chuspairean ris a bheil e a’ coimhead. Tha cothrom aige dealbh chothromach a thoirt seachad de dhòighean smaoineachaidh agus de bheachdan sluagh nan Eilean Siar agus an Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse. A bharrachd air a bhith a’ tabhann tuigse an luchd-amhairc a dh’fhaodadh a bhith ann airson nan ealain Ghàidhlig, bidh na builean luachmhor do chomhairlean ionadail agus buidhnean nach eil ceangailte ris an riaghaltas, agus a’ toirt seachad fiosrachadh co theacsa do Phàrlamaid na h-Alba.
Thuirt Peadar Peacock, am Ministear airson Foghlam agus Òigridh, “Tha inbhe àrd aig na h-ealain Ghàidhlig agus cultar ann an Alba agus tha iad nan taobh chudromach de ar beatha chultarail. Tha sinn uile mothachail gu bheil cultar beairteach agus sònraichte aig a’ Ghàidhlig, ach feumar cuimhneachadh gur e a’ chànan as cudromaich airson gum bi an cultar beò agus feumaidh i a bhith air a dìon. Tha mi an dòchas gun gabh daoine an cothrom na beachdan aca fhèin a thoirt seachad air a’ chuspair chudromach a tha seo agus gun leasaich seo na th’ ann de thachartasan Gàidhlig agus cultarail tro na h-Eileanan Siar agus an Eilean Sgitheanach agus gu dearbha air feadh Alba.”
Tha an sgrùdadh a tha seo a’ leantainn air pìos rannsachaidh a chaidh a dhèanamh le Glaschu Cailleanach ann an 1996. ‘S e rud cudromach dhen rannsachadh gun urrainnear coimeas a dhèanamh eadar na builean agus an fhiosrachadh a thàinig a-mach às an rannsachadh sin. Tha an t-Oll Alan Sproull, stiùiriche an rannsachaidh, a’ mìneachadh cho luachmhor ’s a tha e a bhith a’ faighinn dealbh air na h-atharraichean a thachair sna deich bliadhna a chaidh seachad. “Bheir na builean bhon rannsachadh a chaidh a dhèanamh ron seo dhuinn stèidh ris am meas sinn dè na tha air atharrachadh san dòigh sa bheil daoine a’ gabhail ùidh sna h-ealain ‘s ann an tachartasan cultarail agus a’ bhuaidh a tha aig na tachartasan a tha seo air an dòigh giùlain mar luchd-cleachdaidh agus air dòighean smaoineachaidh ‘s dòigh giùlain an taobh a-staigh an coimhearsnachdan.”
Chaidh an obair a thoirt air cunnradh le Pròiseact nan Ealan, as leth Fòram Leasachaidh Ro-innleachd nan Ealan Ghàidhlig (GASD). Thuirt Professor Sproull, “Bu chòir meala naidheachd a chur air an Fhòram GASD airson an dòigh mhionaideach ach cunnartach a tha iad air a thaghadh gus beachdan mhuinntir nan Eilean Siar, ‘s an Eilean Sgitheanaich is Loch Aillse fhaighinn. Is dòcha nach bi na buidhnean ealain cofhurtail a’ leughadh na teachdaireachd a thig às. Ach saoileam gu bheil iad air an stiùireadh le miann a bhith a’ sireadh bheachdan taghadh farsaing den t-sluagh mu na seirbheisean a tha iad a’ tabhann agus ciamar a nithear leasachadh air na seirbheisean seo.”
Thuirt Kirstie Anderson, Manaidsear Leasachaidh Luchd-Amhairc, “Tha sinn a’ cur ìmpidh air a h-uile duine a gheibh an ceisteachan fichead mionaid a chur seachad ga lìonadh a-steach. Tha smuaintean agus beachdan muinntir nan Eilean Siar agus an Eilean Sgitheanaich cudromach do shoirbheachas a’ phròiseact seo. Ann a bhith a’ gabhail an cothrom seo ar beachdan a dhèanamh soilleir, bidh e doirbh gun aire a ghabhail de na beachdan againn.”
Fios do Luchd-naidheachd:
Tha am Fòram GASD ag obair còmhla as leth 6 buidhnean ealain Ghàidhlig: Pròiseact nan Eilean, An Comunn Gàidhealach, Fèisean nan Gaidheal, Comhairle nan Leabhraichean, Tosg agus Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig. Tha am prògram GASD air a stiùireadh le Pròiseact nan Ealan.
’S e Pròiseact nan Ealan (PNE), am buidheann leasachaidh nàiseanta airson nan Ealan Gàidhlig ann an Alba. Tha PNE stèidhichte ann an Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, ach tha e ag obair gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta. ’S e Carthannas Clàraichte a th’ ann, aig a bheil dusan luchd-obrach agus a tha a’ toirt a-steach £750,000 gach bliadhna. ’S e Comhairle Ealain na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean na prìomh bhuidhnean maoineachaidh. Chan e buidheann maoineachaidh a th’ ann am PNE, ach thathar a’ rannsachadh, a’ leasachadh agus a’ feuchainn iomairtean ùra anns na h-ealain Ghàidhlig. An uair a tha pròiseactan paidhleat seasmhach, tha iad air an cuir air dòigh mar chompanaidhean neo-eisimeileach. Tha iomairtean PNE a’ gabhail a-steach, Fèisean nan Gàidheal, Sgoil Shamhraidh Ceòlas agus an companaidh Tosg. Tha pròiseactan PNE leithid An Leabhar Mòr, air iomadh duais a bhuannachadh. www.gaelic-arts.com
Tha an rannsachadh maoinichte le Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle Ealain na h-Alba
Thèid an rannsachadh a dhèanamh gu neo-eisimeileach leis an t-Oll Alan Sproull agus luchd-obrach Sgoil Gnìomhachais Chailleanach, Oilthigh Glaschu Cailleanach. Chan eil na buidhnean maoineachaidh air iarraidh buaidh a thoirt air cruth an rannsachaidh agus cha bhi iad a’ gabhail pàirt sam bith ann a bhith a’ sgrùdadh an fhiosrachaidh no ann a bhith ag ullachadh an aithisg dheireannaich.
Cruinnichidh an sgrùdadh tron phost fiosrachadh tro cheisteachain a chaidh an cuir gu 7,600 inbheach sna h-àiteachan sònraichte (25% de na h-inbhich san t-sluagh san fharsaingeachd, air an taghadh air thuairmeas) ‘S e an rannsachadh as motha de sheòrsa a chaidh a dhèanamh a riamh sa cheàrnaidh seo.
Faodar coimeas a dhèanamh eadar builean sgrùdadh nan ceisteachan puist le pròiseact coltach ris a chaidh a dhèanamh (le Glaschu Cailleanach) ann an 1996. Tha seo a’ toirt cothrom shònraichte do luchd-rannsachaidh mìneachadh agus sgrùdadh a dhèanamh air na h- atharrachaidhean thar nan deich bliadhna a chaidh seachad.
Farsaingeachd an rannsachaidh. Tha an sgrùdadh a’ coimhead ris na cuspairean a leanas:
A bheil fallaineachd na Gàidhlig, nan ealan agus an cultar a’ cuideachadh an òigridh a bhith a’ fuireach agus ag obair aig an taigh?
o Bithear a’ coimhead ri na cuspairean seo le bhith a’ sgrùdadh freagairtean 4 sheataichean de cheistean:
Airson an tuilleadh fiosrachaidh, cuir fios gu:
Alan Sproull, Associate Dean
Caledonian Business School
Mobile: 07900 088 541
Alansproull@yahoo.co.uk
Kirstie Anderson, Manaidsear Leasachaidh Luchd-amhairc, GASD
Tel: 01851 704493
Mobile: 07917 785 462
kirstie@gaelic-arts.com
Calum MacIlleathain, Stiùiriche, PNE
Mobile: 07775 866 983