
Cinn-latha airson Na Mo Chuid Aodaich san Eilean Sgitheanach
31 am Faoilleach 2012
Tha Pròiseact nan Ealan, agus Lasair, air leth toilichte fhoillseachadh gum bi am pròiseact, Na Mo Chuid Aodaich, a th’ air dà dhuais fhaighinn, a’ gabhail àite air Dihaoine & Disathairne, 25mh Gearran ann an Talla Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach.
Iarrtas Aodaich Airson Na Mo Chuid Aodaich
15 an t-Samhain 2011
Tha Pròiseact nan Ealan (Buidheann nan Ealan Ghàidhlig) agus An Lèanag (An Lòchran, Comhairle nan Leabhraichean, Bòrd na Gàidhlig and Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu) air iarrtas a chur a-mach a’ sireadh aodach bhon 20mh linn airson pròiseact Na Mo Chuid Aodaich a tha gu bhith a’ gabhail àite ann an Glaschu air Disathairne, 10mh Dùbhlachd...
Dà Sreath Chlasaichean Òrain is Salm
31 an Dàmhair 2011
Tha Pròiseact nan Ealan, còmhla ri Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle nan Eilean Siar a’ cuir air bhog dà shreath de chlasaichean ùr seinn ann an Steòrnabhagh, far am faighear cothrom òrain agus salm Gàidhlig ionnsachadh aig an aon àm sa bhios ur sgilean labhairt air an neartachadh cuideachd...
