Feis nan Sgeulachdan 2008

Air an t-seachdain mu dheireadh den Ghiblean bha Steòrnabhagh a' seirm le fuaim gàireachdainn nuair a bha fèis Ghàidhlig Pròiseact nan Sgeulachd a' dol. Bha prògram measgaichte loma-làn aig an Fhèis seo a bha ruith airson 4 latha. Air Diardaoin, chruinnich còrr air trì fichead 's a deich nursaichean, a tha ag obair agus air an dreuchd a leigeil dhiubh, ann an Talla a' Bhaile airson feasgar iongantach de sgeulachdan is iomraidhean mu nursadh agus air an ath latha bha a' cheart uimhir a sheòladairean bho na h-Eileanan Siar a' cuimhneachadh, a' ceasnachadh is a' lachanaich tro latha mòr sgeulachdan - le òrain bho Iain 'Tonkan' Dòmhnallach.

Tro Dhiardaoin is Dhihaoine chaidh sgoiltean a thoirt air cuairtean seanachaidh tron Ghearraidh Chruaidh leis an sgeulaiche òg Gàidhlig, Sean Macleòid, agus còmhla ris bha am pìobaire òg Scott Moireasdan, na dannsairean òga, Ceitidh NicLeòid is Seona Scott, agus an seinneadair Gàidhlig òg mìorbhaileach, Michelle Mhoireasdan.

Air an oidhche, chùm an Fhèis dà chonsairt sgeulachd is òrain le barrachd de thàlant mhìorbhaileach an eilein ri chluinntinn a thuilleadh air aithrisean iongantach bho sgeulaichean a bha a' tadhal à Èirinn (Micheal Lehane agus Dick Beamaish) agus à Sealtainn (Davy Cooper agus Mary Blance.) Gach oidhche an dèidh nan consairtean, thug club na fèise ann an taigh-òsta a' Chounty cothrom dhan fheadhainn a fhritheil tachartasan an latha fois a ghabhail agus barrachd sgeulachdan, òrain is ceòl a mhealtainn ann an suidheachadh nach robh cho foirmeil.