dealbh - sgeulachdan - bàta

Beagan de eachdraidh

Sgeulachdan ann an Cultar na Gàidhlig

Bha ochd meuran de Chlann ‘ic Dhomhnaill air a’ Ghaidhealtachd, agus fearann aca. Bha ceanglaichean agus cleamhnas eadar iad agus cinnidhean eile - nam measg Clann ‘ic Leoid Leodhais. B’e Clann ‘ic Mhuirich nan seanchaidhean agus nam baird a bha air a bhi aig Tighearnan nan Eilean, agus lean iad sin ri Clann Raghnaill (no Clann ‘ic Ailein) an deigh dhan an Tighearnas a dhol a bith..

Thainig moran troimh-cheile an luib an atharrachaidh agus dh’fhulaing na h-ealain ri linn. Dh’fheumadh an cinneadh an cuid chriochan a dhion, agus chaill moran dhiubh am fearann tro foill. Ach ri linn an isleachas a thainig air inbhe nam filidh agus nam baird, neartaich an daimh a thainig eadar cuspairean chlasaigeach na cuirte agus bardachd dhuthchasach na tuatha. Leis an sin thainig a’ chainnt dhuthchasach am barr. B’e aon eiseamplar dhiubh sin na laoidhean Oiseanach a chaidh an cruinneachadh bho bhilean an t-sluaigh sna linntean a lean.

B’ e seo ‘Linn nan Creach’ agus thaing moran de sgeulachdan mu sgrios agus creachadh a-mach a eachdraidh na linne seo. Am measg nan sgeulachdan air a bheil eolas, tha dha shonraichte. Tha aon dhiubh ag innse mar a loisg Domhnallaich Ghlinne Garadh Eaglais Chille Chriosd an Rois ann an 1603, leis a choitheanal na broinn, agus seanachas eile ag innse mu na Leodaich a fhuair sluagh Eige air falach ann an uaimh agus a thog teine mor am beul na h-uamha.

Ann an 1762 chur Seumas mac a’ phearsain a Baideanach duan mor an clo agus thuirt e gun robh seo eadar-theangaichte bho bheul-aithris a chruinnich esan sa Ghaidhlig. Thuirt e gur e bardachd Oisein a bh’ann - bard bhon 3mh/4mh linn. Thog obair Mhic a’ phearsain iomhaigh a’ Ghaidhlig air Ghalldachd, agus an deidh sin air feadh na Roinn Eorpa far an deach na sgeulachdan eadar-theangachadh gu grunnan chananan. Bha an obair aige gu h-araid tarraingeach am measg dhaoine a bha sas sa ghluasad ur Romansach san Roinn Eorpa, oir bha an cruinneachadh aige air fhaicinn mar bhardachd dhuthchasach.

An 1811 chlo-bhuail na braithrean Grimm cruinneachadh de sgeulachdan an t-sluaigh sa Ghearmailt agus mu ruige meadhan an 19mh linn bha Iain Og Ile air cruinneachadh agus air a chur an clo sgeulachdan a thog e fhein agus grunnan eile a bha ag obair air feadh na Gaidhealtachd. Bha moran sgeulachdan ghaisgeil agus sgeulachdan iogantach am measg na chruinnich iad. Bha Iain Og Ile air a bhi a’ cluinntinn sgeulachdan Gaidhlig bho bha e na bhalach og bho phiobaire agus bho fhidhleir air an oighreachd air na dh’fhas e suas. Bha uidh aige ann a bhi a’ rannsachadh ‘saidheans nan sgeulachd’ mar a thuirt e fhein.

Sna 1930an thoisichear a’ claradh guth an sgeulaiche gu sonraichte tro obair Iain Latharna Caimbeul. Chruinnich esan moran sgeulachdan agus orain sna h-Eileanan Siar agus ann an Ceap Breatainn. Ann an 1934 thug Compton MacCoinnich cuireadh dha a dhol a Bharraigh, agus b’ann an sin a choinnich e an sgeulaiche ainmeil An Coddy. An 1935 phos e an sgoilear agus sgriobhadar Mairead Fay Seathach a bha ri curinneachadh orain agus beul-aithris ann an Uibhist a Deas, agus an 1938 cheannaich iad Eilean Chanaigh. Tha iad air cruinneachadh mor cudthromach a chuir ri cheile de dh’orain, de sgeulachdan agus de sheanchas.

Ann an 1951 chaidh Sgoil Eolais na h-Alba a steidheachadh. An-diugh tha moran eiseamplaran de ealan an sgeulaiche air an tasgadh sna cruinneachaidhean aca. Tha Sgoil Eolais na h-Alba na roinn de dh’Oilthigh Dhun Eideann. Chaidh an sgoil a steidheachadh gus beul-aithris a Alba a chlaradh agus a rannsachadh. Tha corr air 10,000 uair a thide de sgeulachdan agus de dh’orain air an claradh agus air an tasgadh an sin. Thathar a’ teagasg chursaichean eadar-dhealaichte ann agus tha an ransachadh a tha na h-Oileanaich san luchd-teagasg a’ deanamh a’ cur ri na tasgaidhean sin.

English