Leabhar Mòr
Leabhar Mòr na Gàidhlig
Sealladh àrd-mhiannach a thug 7 bliadhna ga chur ri chèile agus a tha air a bhith nas fheàrr na bhathar a' sùileachadh. Gu tric air ainmeachadh mar an Leabhar Cheannanais Ùr, thug Leabhar Mòr na Gàidhlig còmhla còrr agus 150 bàird, luchd-ealain lèirsinneach, làmh-sgrìobhaichean agus clò-bhuailtearan à Èirinn agus Alba. Eatorra dh'fhàg iad dìleab mhaireannach a chòrdas ri linn an dèidh linn.
Dh'fhaodadh gur e an eileamaid as leantainniche den phròiseact an co-obrachadh eadar ceudan de dhaoine thairis air crìochan poileataigeach, tìreil agus teicneòlasach a thàinig còmhla leis an aon amas aca. Tha Leabhar Mòr na Gàidhlig ag innse, tro na h-Ealain sgrìobhte agus lèirsinneach, mu chultar ann an cruth a tha cuideachd a' dol thairis air crìochan gnàthach.
Tha 100 pìos bàrdachd san Leabhar ann an Gàidhlig na h-Alba agus na h-Èireann leis an eadar-theangachadh gu Beurla. Tha leth-cheud neach-ealain lèirsinneach anns gach dùthaich air obair-ealain ùr a chruthachadh air a bhrosnachadh le aon phìos bàrdachd air a thaghadh a-mach às a' cheud. Bha an obair-ealain ùr air a dhèanamh gu sgèile shònraichte air pàipear làmh-dhèante le uachdaran eadar-dhealaichte, a' gabhail a-staigh uachdar a tha mothachail air solas, agus freagarrach airson caochladh mhodhan. An uair sin bha buidheann beag de làmh-sgrìobhaichean agus clò-bhuailtearan ag obair còmhla ris an luchd-ealain agus na bàird gus na loidhnichean bàrdachd taghte agus ìomhaighean an luchd-ealain obrachadh a-steach còmhla.
Air a chur air bhog aig toiseach a' Mhìle-bliadhna ùr tha an leabhar seo na dhrochaid don Ghàidhlig eadar a eachdraidh sna làithean a dh'fhalbh, sna linntean mu dheireadh agus san ùine ri teachd. A' glacadh, gu sìorraidh buan, an iomadh seòrsa ealantas ann an Cultar na Gàidhlig agus a' coimhead air adhart ri sin a chumail a' dol sna làithean ri teachd.