Cultar Coitcheann
Dualchas Coitcheann
Tha tomhas de lorg againn gu bheil uirsgeulan, dualchas ciùil beairteach, 2 chànan agus beagan eachdraidh coitcheann aig Èirinn agus Alba. Tha mòran den cheangal mhaireannach, ge-tà, air atharrachadh no air fhalach.
B' iad Gàidheil na h-Èireann ris an canar na Scots, a thug ionnsaigh air Alba san 5mh linn agus a thug an t-ainm aca fhèin air. Thathar an ìre mhath cinnteach gur ann air Eilean Idhe an Alba a chaidh tòiseachadh air Leabhar Cheannanais, am ball-ealain as ainmeile bho linn soirbheachaidh na h-Èireann. B' iad na Gàidheil a bha mar mheadhan air Alba aonadh ri chèile san 9mh linn agus air a' Ghàidhlig a dhèanamh na cànan làitheil na cùirte sna meadhan-aoisean. Chùm an cultar Gàidhlig ‘Èireannach’ ann an Gàidhealtachd na h-Alba a' dol airson linn gu leth na b' fhaide na mhair e ann an Èireann fhèin. Tha fios againn gu robh Albannaich a' dol a dh'Èirinn a Tuath bhon 17mh linn ach chan eil uiread de lorg againn gun tàinig ceudan mhìltean de mhuinntir na h-Èireann a dh'fhuireach a dh'Alba eadar 1850 agus 1950, no gu robh pàirt cudromach aig Michael Davitt ann an Lìog an Fhearainn air Ghàidhealtachd na h-Alba. Tha an eachdraidh eadar-dhealaichte againn fhathast eadar-fhighte le Pàrlamaid ùr na h-Alba agus Seanadh Èirinn a Tuath a' tighinn gu bith aig an aon àm.
Am measg traoghadh agus lìonadh ar n-eachdraidh tha Leabhar Cheannanais air a thighinn gu bhith na shamhla sheasmhach air ioma-fhillteachd a' chultair choitchinn a chruthaich e. ’S e a' Ghàidhlig fhathast an ceangal as làidire a tha air fhàgail againn. Aig toiseach mìle-bliadhna ùr tha planaichean air tòiseachadh airson obair-ealain cudromach eile a chruthachadh ag ath-nuadhachadh a' cheangail eadar Gàidhlig na h-Alba agus na h-Èireann agus a' comharrachadh nan dualan eadar-dhealaichte ann an cultar Ceilteach an là an-diugh.