An Leabhar Mòr Beò

Ochd Taisbeanaidhean Còmhla - Thar Ochd Eileanan

Larach linn le bhideo - Leabhar Mor Beo

Air 10mh Iuchair 2004, dh'fhosgail taisbeanadh an Leabhar Mhòir aig an aon àm ann an ochd gailearaidhean eadar na sgìrean as fhaide tuath sna h-Eileanan Siar agus as fhaide sìos gu iar-dheas na h-Èireann, a' dèanamh ceangal ùr eadar sgìrean Gàidhlig na h-Alba agus na h-Èireann tro theicneòlas ùr.

Tha na gailearaidhean a chaidh an taghadh airson a' chiad thaisbeanadh anns na ceàrnaidhean Gàidhlig as iomallaiche agus b' e gailearaidhean beaga iomallach a chaidh an taghadh cuideachd. Ach a dh'aindeoin iomallachd agus meud, ’s e a tha san amharc a bhith a' ‘ceangal’ nan àiteachan ri chèile ann an lìonradh ealain Gàidhlig air-loidhne, sònraichte anns am faigh na com-pàirtiche sa h-uile àite blas de ealan, faireachdainn agus dualchas na Gàidhlig: gu dearbh gun com-pàirtich iad ann an comharrachadh co-aimsireil sònraichte air linntean de dhualchas na Gàidhlig!

’S iad na h-ochd gailearaidhean com-pàirteachaidh:

  • Taigh Chearsabhaigh – Uibhist a Tuath, Alba.
  • An Lanntair – Eilean Leòdhais, Alba.
  • An Tuireann – An t-Eilean Sgitheanach, Alba
  • Ionad Chaluim Chille – Ìle, Alba
  • An Gaileri, Falcarragh, Siorrachd Dhùn nan Gall, Èirinn
  • Aras Eanna – Arainn Mhòr, Èirinn
  • Reachraidh – Siorrachd Aontroim, Èirinn
  • Ionad Blasket – Siorrachd Chiarraighe, Èirinn

Chan eil an amas seo cuingealaichte ri 10mh Iuchair. Thathar an dùil ealan agus cultar na Gàidhlig a sgaoileadh nas motha fhad ’s a bhios an taisbeanadh air chuairt ann am mòr-roinnean na h-Eòrpa agus Taobh Tuath Amaireaga anns an dà suas gu còig bliadhna ri teachd. Feumaidh an t-iarrtas seo dòigh chruthachail airson a bhith a' cur an gnìomh agus a' cleachdadh teicneòlas bhon chiad fhoillseachadh. Le seachd de na h-ochd gailearaidhean air eileanan, ann an sgìrean iomallach Ghàidhealtachd na h-Alba agus na h-Èireann, bidh dùbhlain sònraichte an cois a bhith a' cur an taisbeanaidh air adhart leis an teicneòlas as ùire. Leanaidh na dùbhlain sin mar a bhios a' Chuairt a' leudachadh gu barrachd àiteachan.

English