*

An Dèidh an Leabhair

Thar Mhodhan Eile

Bhon àm a chaidh fhoillseachadh ann an 2002 tha An Leabhar air leudachadh gu meadhanan eile. ’S iad sin làrach-lìn, CD claistinne, sreath de phrògraman rèidio, film aithriseach agus leabhar-ealain fìor mhath.

’S e meadhan foghlaim gu h-àraidh a tha san leabhar. Gus am faigh sgoiltean cothrom dìreach air an fhìor ealantas san leabhar tha pasgan foghlaim air a chur ri chèile airson cuspairean cruinn-eòlais, eachdraidh, cànain, nan ealan agus cultair a rannsachadh. Chaidh lethbhreac den Leabhar a thoirt seachad don h-uile sgoil meadhan-Gàidhlig an Alba agus an Èirinn.

Agus tha an Leabhar a' tighinn chun a' mhòr-shluaigh. Chaidh taisbeanadh ionmholta den leabhar agus an obair-ealain air chuairt timcheall Alba, Èirinn agus ann an Taobh Tuath Amaireaga. Le àiteachan eile san amharc agus taisbeanadh maireannach tha sùil gum bi e a' sìor shoirbheachadh.

San àite mu dheireadh, tha an leabhar a' cleachdadh an teicneòlais as ùire san taisbeanadh “Beò”

English