Prògram Ciùil Hiort

Craoladh 2007

Pròiseact beothail agus àrd-mhiannach a' toirt Hiort gu cridhe na h-Eòrpa tro theicneòlas agus na h-ealain chleas. Air chraoladh anns an t-Og Mhios 2007 chunnaic am pròiseact seo prògram ciùil sònraichte air a sgrìobhadh a bha air a dhèanamh ann an Hiort fhèin le prògraman co-cheangailte ris a' dol aig an aon àm ann an 5 àiteachan san Roinn Eòrpa.

Air a dhèanamh comasach le teicneòlas bha am bun-bheachd iongantach seo a' toirt gu chèile na modhan ùra agus aosta as fheàrr san Roinn Eòrpa agus a' cruthachadh frèam airson co-obrachadh a bhios a' dol thairis air crìochan. A' toirt beò cultar eileanach a bha air a chall le bhith a' toirt air ais gu cuimhne a' bhàrdachd agus a' cheòl aig an robh am freumhaichean ann an dualchas Ceilteach, Lochlannach agus an t-seann chreideamh Chrìosdail